Eilean Ì

Òran air a sgrìobhadh le: donnchadh macPhàidein agus air a sheinn le: Donella NicLeòid.

This is a song written by: donnchadh macPhàidein and sung by: Donella NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S i annsachd mo chridhe, 's i solas mo shlighe,
I cho bòidheach, cho fìnealt, cho tlàth,
'S i leug an taobh siar an t-eilean beag ciar,
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghràidh.

Ged a sheòl mi an cuan gu na dùthchannan cèin,
Ged a chuartaich mi 'n saoghal gu lèir,
Chan eil àite fon ghrèin' tha nas bòidhche leam fhèin,
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghràidh.

Tha mi fad' nis bho d' thràigh 's bho do thonnan len gàir',
'S mo chridhe fo mhulad 's fo phràmh,
Ach thèid mi fhathast air chuairt gu do mhachraichean uain',
Eilean Idhe mo chridhe 's mo ghràidh.

Nan robh mi san speur mar uiseag air sgèith,
Anns an iarmailt cho gorm is cho ciùin,
Ort dhèanainn mo chùrs' anns an fheasgar le sunnd,
Eilean Idhe nan naomh, Idh' mo ghràidh.

Seinneadairean / Performers

Donella NicLeòid

Rugadh Donella NicLeòid ann an Steòrnabhagh air 3 Dàmhair, 1963. Ged a bha dachaigh an teaghlaich ann an Glaschu aig an àm, thill a màthair, ...

Fiosrachadh air Donella NicLeòid / Learn more about Donella NicLeòid

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.