Eilean Fraoich

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir àrd-sgoil a' chaisteal, còisir àrd-sgoil mhicNeacail, còisir àrd-sgoil phort rìgh, fiona nicChoinnich, joan long, na seòid agus uisdean macCuain.

This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig) and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein, còisir àrd-sgoil a' chaisteal, còisir àrd-sgoil mhicNeacail, còisir àrd-sgoil phort rìgh, fiona nicChoinnich, joan long, na seòid and uisdean macCuain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Eilean Fraoich, Eilean Fraoich,
Eilean Fraoich nam beann àrd',
Far an d' fhuair mi m' àrach òg,
Eilean Leòdhais mo ghràidh.

Far an robh mi làithean m' òig'
Ruith gun bhròig dol don tràigh,
'S mi ri streap gu nead an eòin
Anns gach còs sam bi àl.

Thug mi greis de làithean m' òig'
Air a' mhòintich nam phàiste;
'S mi ri tional nan laogh òg',
Is nam bò aig an tràth.

Far am faca mi an òigh,
Thuit mi òg oirr' an gràdh;
'S ann a chionn nach eil i beò
Tha mi seòladh thar sàil'.

'S ged a bheirte dhomh an tìr-s',
Eadar chraobhan is bhàrr,
B' fheàrr leam a bhith measg an fhraoich
Ann an tìr nam beann àrd'.

Seinneadairean / Performers

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...

Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.