Eilean Bheàrnaraigh

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Eàirdsidh MacAsgaill agus air a sheinn le: Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill.

This is a song written by: Iain Eàirdsidh MacAsgaill and sung by: Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S gur bòidheach a' ghruagach 's a gruaidh mar an ròs
'S i àilleagan guailleadh 's mil bhuannachd nam pòg;
'S i aoigheil is uailleach is uasal is còir,
Gun sgeilme 's gun tuaileas 's gun ghruaman 's gun ghò.

Tha 'n t-seann bhliadhn' air dùnadh 's bliadhn' ùr air tighinn òirnn,
'S mi 'n dùthaich nan ùbhla 's ann an cùl baile mhòir;
'S mi cuimhneachadh rùnach air sùgraidh mun Òis,
Ri tìr eilean Bheàrnaraigh a dh'àraich mi òg.

Sud talamh na h-àillteachd 's chan àicheidh mi mòd
A bhuilich air nàdar cho lan de gach seòrs;
'S e fearann nan àrmann 's àite nan seòid
Tha subailte làidir am bàta fo sheòl.

'S gu sònraichte nad làthair buntàta agus eòrn'
'S an seagal tha fàs bhon Mhaoil Bhàin chun a' Rògh
'S an coirce 's na geàrraidh crith sàmhach nan dlò
'S bruaichean murain mar dhath-sneachd tha cnàmhaich gun stòl.

'S an lethcheann tha tuath dheth gu cruaidh garbhlach bòrd
Bho Chùlaibh na Buaile is a-nuas chun na Cròic;
'S marcair a' chuain a' tighinn gruamach na chòmh'r,
'S a' tilgeadh tuinn uamhalta suas chun an fheòir.

Gum b' eòlach mi uair ann 's mi a' buachailleachd bhò
'S mi aotrom is luath gun chòta-uachdair no bròg;
'S gu tric air bheag ualllaich 's gun ghruaim fo na neòil,
'S nam shìneadh gu suaimhneach ri bruaichean fo chleòc.

Tha machair an iar dheth fo fhìor-mhaise phòr,
Tha brùchdadh à cìochan as ciaraichte snòdh;
'S air uchd bhealaich chiataich gur lìonmhor na h-eòin
Ag itealaich shìos far an sìothlaidh na Lòin.

'S tha aghaidh ri grian-gheal 's am fianais Tìr-mòr,
'S Uibhist an iar air a' ciaradh fo cheò;
'S a Chùl ris an iar-thuath gun dìon fo na neòil,
Ach Pabaidh nam fiadh, eilean fiadhaich nam bòc.

Bho Chùl na Beinne Gainmhich gu Àiteach MhicLeòid
'S bho Chùl taigh Mhic Àidh gu bàgh Pholl an Oir,
'S gob dubh Rubh' na h-Aìrde gu Cràiginis mhòr
'S a-null chun a' Chàrnain gur ait' leat gach òb.

Nuair dhìreas tu 'n àird air gu bàrr Beinn a' Ghòis
Gu faic thu Dùn Àrain a' deàrrsadh fo sgòth,
'S Beinn dhorch' Bhàgh a' Chàise 's an t-sàmhchair fo sròn,
'S an Gnìopa dubh càrnach fo àrd-doras mòr.

'S air fuaradh Tràigh Bhàlaidh gun amhairc thu nas mò
Air Hiort chorrach àrd, àite fàsach gun slòigh,
'S air Haisgeir tha làmh ris fo gàireach geal-chòp,
Air a' ghaisein an àird far an tàmh air na ròin.

Chan fhaca mi riamh ann fon iarmailt nas bòidhch'
Na 'n t-eilean beag sgiamhach bhon d' thriall mi ro òg;
Air m' fhacal bu mhiann leam 's b' e m' iarrtas mo cheòl
Bhith 'g imeachd bhàrr sliabh ann 's a' ghrian a' dol fòdh'.

'S gur toigh leam gach lian deth 's gach fireach 's gach lò-uisg
A dh' aomas a chiatach thog fianais 's gach dòigh;
Bha Calum 'gan snìomh dhuinn le giarad a bheòil
'S rinn Eachann ro-bhrèagha iad ga smiaradh mar òr

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill

Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill

Rugadh Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill ann an Caolas Scalpaidh anns na Hearadh, ann an 1957, mac Peter Dan Dhòmhnaill Uilleim à Caolas Scalpaigh agus Anna NicDhonnchaidh ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill / Learn more about Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.