Eilean an Fhraoich

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig mhealbhaich.

This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) and sung by: còisir ghàidhlig mhealbhaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

A chiall nach mise bha an Eilean an Fhraoich,
Nam fiadh, nam bradan, nam feadag 's nan naosg;
Nan lochan, nan òban nan òsan 's nan caol,
Eilean innis nam bò, 's àite còmhnaidh nan laoch.

Tha Leòdhas beag riabhach bha riamh san taobh tuath
Muir tràghaidh is lìonaidh ga iathadh mun cuairt;
Nuair dheàrrsas a' ghrian air le riaghladh o shuas,
Bheir i fàs air gach sìol airson biadh don an t-sluagh.

An t-eilean ro-mhaiseach, gur pailt ann am biadh,
'S e 'n t-eilean as àillt' air 'n do dheàlraich a' ghrian;
'S e eilean mo ghràidh e, bha Ghàidhlig ann riamh,
'S chan fhalbh i gu bràth gus an tràigh an Cuan Siar.

'N àm èirigh na grèin' air a shlèibhtibh bidh ceò,
Bidh bhanarach ghuanach, 's a' bhuarach na dòrn,
Ri gabhail a duanaig 's i cuallach nam bò,
'S mac-talla nan creag ri toirt freagairt do ceòl.

Air feasgar an t-samhraidh bidh sunnd air gach sprèidh;
Bidh a' chuthag is fonn oirr' ri òran dhi fhèin:
Bidh uiseag air lòn agus smeòrach air gèig,
Is air cnuic ghlas' is leòidean uain òga ri leum.

Gach duine bha riamh ann bha ciatamh ac' dha,
Gach ainmhidh air sliabh ann chan iarr às gu bràth;
Gach eun thèid air sgiath ann bu mhiann leis ann tàmh,
Is bu mhiann leis an iasg a bhith cliathadh ri thràigh.

Nam faighinn mo dhùrachd 's e lùiginn bhith òg,
'S gun ghnothach aig aois rium fhad 's dh'fhaodainn bhith beò;
Nam bhuachaill' air àirigh, fo sgàil nam beann mòr,
Far am faighinn an càise 's bainne blàth airson òl.

Chan fhacas air thalamh leam sealladh as bòidhche
Na a' ghrian a' dol sìos air taobh siar Eilean Leòdhais;
An crodh-laoigh anns an luachair 's am buachaill nan tòir,
Gan tional gu àirigh le àl de laoigh òg'.

Air feasgar a' gheamhraidh thèid tionndadh gu gnìomh,
Ri toirt eòlais do chloinn bidh gach seann duine liath;
Gach iasgair le shnàthaid ri càradh a lìon,
Gach nighean ri càrdadh 's a màthair ri snìomh.

B' e mo mhiann bhith sna badan sna chleachd mi bhith òg,
Ri dìreadh nan creag anns an neadaich na h-eòin;
On thàinig mi Ghlaschu tha m' aigne fo bhròn,
Is mi call mo chuid claisneachd le glagraich nan òrd.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.