Eilean a' Cheò

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Catrìona Anna Nic A' Phì, còisir ghàidhlig an t-Sràth, iseabail f. mitchell, Kathleen Ghreumach agus seinn aon neach (Mnathan).

This is a song written by: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) and sung by: Catrìona Anna Nic A' Phì, còisir ghàidhlig an t-Sràth, iseabail f. mitchell, Kathleen Ghreumach and seinn aon neach (Mnathan).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ged tha mo cheann air liathadh
Le deuchainnean is bròn,
Is grian mo leth-cheud bliadhna
Air ciaradh fo na neòil;
Tha m' aigne air a lìonadh
Le iarrtas ro mhòr,
Gum faicinn Eilean Sgiathach
Nan siantanan 's a' Cheò.

Tha còrr 's dà fhichead bliadhna
Bhon thriall mi uait gam dheòin
'S a chuir mi sìos mo lìon
Ann am meadhan baile mòr;
Is ged a fhuair mi iasgair
A lìon mo thaigh le stòr,
Cha do dhìochuimhnich mi riamh
Eilean Sgitheanach a' Cheò.

Nuair chuimhnicheam an Cuiltheann
'S a thulchann ris na neòil,
Glàmaig is Beinn Bhuirbh,
Eilean Thuilm is Leac an Stòrr;
Gun ruiginn Rubha Hùinis,
Gach cnoc is cùil is fròg,
'S an taobh eile sealladh aoibhneach
De Mhaighdeannan MhicLeòid.

An tìr san robh na fiùrain
'S gach cùis a sheas an còir -
Bha smior is neart nan dùirn
'S cha b' e 'n sùgradh tighinn nan còir;
'S on rinneadh dhuinn an cunntas
Gu onair, cliù is glòir,
Na dh'èirich fon a' Chrùn dhiubh
À Eilean cùbhr' a' Cheò.

Ma thèid mi dhuibh ga innseadh,
Cha mhearachd brìgh mo sgeòil,
Oir tha e air a sgrìobhadh
Dhan linn sa bheil sinn beò;
Bha còrr agus deich mìle
Fon Rìgh a ghabh an t-òr,
Gu onair 's dìon ar rìoghachd
À Eilean grinn a' Cheò.

Chan eil mi dol a dhìteadh
Aon tìr tha fo na neòil,
Ach 's nàdarrach gun innisinn
Mun tìr san robh mi òg;
Measg nam pìobairean a b' fheàrr
A chuir gaoth am màl gu ceòl -
Chaidh ceud is fichead àrach dhiubh
An Eilean àrd a' Cheò.

Cò nach tugadh gnùis
Agus cliù sna h-uile dòigh,
Do luchd nam breacan dùbh-ghorm,
Nan lùirichean 's nan sròl?
Oir cha robh leud a ghrunnd
Air a chunntas san Roinn Eòrp',
Thog uiread riamh a dhiùlnaich
Ri Eilean cùbhr' a' Cheò.

Cuir mo shoraidh bhàrr nan cuantan
Gu Eilean uaine a' Cheò,
Far am bi na fleasgaich uasal
A' ruagadh damh nan cròc;
'S na mnathan-taighe guanach
A' dèanamh uaill nan clò,
'S gur tric a ghabh mi duanag
Ga luadh anns a' Ghleann Mhòr.

Nuair thigeadh tùs an t-samhraidh
Cha ghanntar a bhiodh oirnn,
Bhiodh pailteas bìdh is annlain
Anns a' ghleann san robh na seòid;
Bhiodh gruagaichean air àirigh,
'S an crodh len àl mun chrò,
'S a' dèanamh ime 's càise
An Eilean àrd a' Cheò.

Nuair thigeadh tùs a' Mhàigh
Bhiodh gach iasgair 's ràmh na dhòrn,
'S na bàtaichean nam mìltean
Ann an Loch Phort Rìgh fon seòl -
Dol suas gu bun Loch Aoineart,
'S gach sonn a' seinn a' cheòil
A rinn na bàird bu shaoibhir
A bha 'm beanntanan a' Cheò.

Nuair thigeadh an Fhèill Mhàrtainn,
'S an sprèidh 's am bàrr air dòigh,
Na fir a' dèanamh càinnteig
'S na plàtaichean nan tòrr;
Ri taobh na brìg bhuntàta
Bhiodh baraill' làn de dh'fheòil -
Siud mar chaidh ar n-àrach
An Eilean àrd a' Cheò.

Is iomadh latha dìomhain
Gun chiall nuair bha mi òg,
A' bleoghan cruidh 's gam feurach
Ann an Eilean ciar a' Cheò;
Ach tha mi 'n-diugh cho cianail
Le bonn-a-sia nam dhòrn,
'S nach faigh mi ach an iargain
'S cha lìon e slige cnò.

Ach cò aig a bheil cluasan
No cridh' tha gluasad beò,
Nach seinneadh leam an duan seo
Mun truaigh' a thàinig oirnn?
Na mìltean a chaidh fhuadach
A' toirt uath' an cuid 's an còir,
A' smaointinn thar nan cuantan
Gu Eilean uain' a' Cheò.

Ach cuimhnichibh gur sluagh sibh
Is cumaibh suas ur còir -
Tha beairteas fo na cruachan
Fon d' fhuair sibh àrach òg;
Tha iarann agus gual ann,
Is luaidhe ghlas is òr,
'S tha mèinnean gu ur buannachd
An Eilean uaine a' Cheò.

Cuimhnichibh ur cruadal,
Is cumaibh suas ur sròl;
Gun tèid an roth mun cuairt dhuibh
Le neart is cruas nan dòrn;
Gum bi bhur crodh air bhuailtean
'S gach tuathanach air dòigh;
'S na Sasannaich air am fuadach
À Eilean uain' a' Cheò.

Nuair theannas mi ri smuaintean,
Gur tric mo ghruaidh fo dheòir,
A' cuimhneachadh nan uaislean
Dhan tug mi luaidh cho òg,
Chaidh thairis thar nan cuantan,
'S a tha nise fuar fon fhòid,
Bho Sgoirebreac nan stuadh
Far na thogadh suas na seòid.

Ach tiormaicheam mo ghruaidhean
Is taisgeam suas mo dheòir,
Bho thàinig earrach nuadh
'S gu bheil cuid a dh'uaislean beò;
Thall 's a-bhos mun cuairt dhomh
Gum faic mi snuadh an fheòir,
Meanglan 's badain luachrach
Bho Eilean uain' a' Cheò.

Canaibh leam an duan seo
'S le suaimhneas seinnibh ceòl,
Mun naidheachd nuadh a fhuair sinn
À Eilean uaine a' Cheò;
Gu Armadail nan stuadh,
Gun tug Raghnall gruagach òg,
Nighean còirnealair cho ainmeil
'S a tha 'n-diugh a' falbh an fheòir.

Ach cuimhnich do chuid tuatha
Is cùm do chluas rim feum,
'S bi thusa mar bu dual dhut
Dhan t-sluagh a tha fod sgèith;
'S on thug thu 'n fhìor bhean-uasal
À Crombagh ruadh an rèisg,
Biodh beannachd Dhè 's do shluaigh leat
Nad Eilean buadhmhor fhèin.

Ma shaoileas cuid gur dìomhain
Bhith snìomh leithid a ròp,
Bhon tha na stuic air crìonadh
Ann an Eilean ciar a' Cheò;
Ach fhad 's bhios grian san iarmailt
Bidh cuid de dh'iarmad beò,
De shliochd nan daoine diadhaidh,
'S bidh iad miadhmhor mar bu nòs.

Tha Clann Dòmhnaill le làimh-làidir,
Is gu h-àraidh Clann 'ic Leòid,
Is iomadh fine dhàicheil
Nach àicheadh dol san tòir;
'S on tha cuid dhiubh an làthair
Tha mo ghàirdeachas ro mhòr;
Is chuir Blackie onair àraidh
Air Eilean àrd a' Cheò.

Beannachd leibh, a chàirdean,
Anns gach ceàrn tha fo na neòil,
Gach mac is nighean màthar
À Eilean àrd a' Cheò;
Is cuimhnichidh sibh Màiri,
Nuair bhios i cnàmh fon fhòid -
'S e na dh'fhuiling mi de thàmailt
A thug mo bhàrdachd beò.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha fiosrachadh mu Mhàiri agus a bàrdachd ri fhaotainn san leabhar Màiri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gàidhlig an h-Alba, 1998)

Seinneadairean / Performers

Catrìona Anna Nic A' Phì

Catrìona Anna Nic A' Phì

Rugadh Catrìona Anna, no Cathaidh Ann mar as fheàrr a dh'aithnichear i, ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan ...

Fiosrachadh air Catrìona Anna Nic A' Phì / Learn more about Catrìona Anna Nic A' Phì
Kathleen Ghreumach

Kathleen Ghreumach

'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Kathleen Ghreumach agus thogadh i ann an teaghlach a bha air leth fiosrach mu dhualchas na Gàidhlig ...

Fiosrachadh air Kathleen Ghreumach / Learn more about Kathleen Ghreumach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.