Eathar Dubh à Bradhagair

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacLeòid (An Greusaiche) agus air a sheinn le: Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag).

This is a song written by: Dòmhnall MacLeòid (An Greusaiche) and sung by: Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Hò rò chunna mi
'S gu faca mi i seòladh;
Hò rò chunna mi
'S gu faca mi i seòladh;
Hò rò chunna mi
'S gu faca mi i seòladh;
A' dol os cionn a' Bhraga
Moch sa' mhadainn air Di-Dòmhnaich.

Chunna mi bhon doras
Moch sa mhadainn 'n àm dhomh èirigh,
Eathar dubh à Bradhagair,
'S e shaoil mi bh' innte, "Whaler";
Sac oirre do chanabhas
A bha cur fodha gèillean,
Ag iarraidh chun na h-acarsaid
'S na bodaich 's iad 'nan èiginn.

Anmoch air Disathairn'
Ann an sruth a' Ghallan Ùigich,
'N àm cur oirre canabhas
'S na bodaich air co-dhùnadh,
Chaill i 'n t-iarann iarach
A bha 'n ceanglaichean na stùire,
'S chaill Bodaich Bhradhagair
An dachaighean 's an cùrsa.

Chunnaic fear an t-Signal i
'S gun fhios cò às a dh'fhalbh i;
Chuir e suas bratach riu',
'S bha acasan tè dhearg ris,
Ag innse mar a thachair dhaibh
Disathairn', 's e cho anmoch,
'S an naidheachd sin a lìobhraigeadh
'S a h-innse 'n sgìre Bharbhais.

Nuair shoillsich an là dhaibh
'S a dhearc iad air a' Champar,
Bha cuid ac' ann an agartas
Am b' e sud fearann Leòdhais;
Ach thuirt fear de na maraichean
Gum b' aithne dha an tom ud,
Gun leugh e fhèin na leabhraichean
'S gu leòr aca fo rùm dhiubh.

Suas Caolas a' Bhraga
'S an acarsaid fo gualainn,
Cha robh guth air Latitude
No sgoil na mara 'n uair sin;
Bha fear aig a' Windlass
A' tomhais leis a luaidhe;
'S ann dh'ionnsaich e an t-seòldaireachd
Bho òige ri na cruachan.

Nuair ràinig iad an acarsaid
Cha robh na bodaich fialaidh,
Cha reiceadh iad an langa,
No na sgaitean air na b'fhiach iad;
Ach reiceadh iad a' bhiorach rinn
Air sgillinn thoirt an t-sia orr';
Nach b'annasach an naidheachd sin
Ga reic an Nis le Siaraich.

Cheud chuimhne th' agam-sa,
Mar as aithne don an t-sluagh e,
Cha tigeadh bodaich Bhradhagair
Reic bhiorach rinn an uair sin;
Bha iasgairean sa bhaile seo
A chuireadh iad cho suarach
'S nach leigeadh, le an aineolas,
A rèiteach an cuid shuap iad.

Cuspair an Òrain

Thachair seo uaireigin eadar 1906 agus toiseach a' Chiad Chogaidh. B' e an "eathar dubh" a' Windsor Castle SY735. Bha i le ceannaiche à Bradhagair aig an robh bùth agus taigh-saillidh. B' e sgioba de shianar de mhuinntir Bhradhagair a dh'fhalbh leatha air madainn Dihaoine 's làn dhùil aca fhèin, agus aig na bhuineadh dhaibh, gum biodh iad air ais mar a b' àbhaist mu mheadhan latha Disathairne.

Ach bhris an stiùir agus fhuair iad iad fhèin aig muir as a' chuan a tha an iar thuath air Leòdhas, le ceò dhùmhail ann, gun smachd air an eathar.

Dòigh no dòigh a choireigin chaidh aca air Port Nis a bhuannachd air madainn Latha na Sàbaid an dèidh a bhith dà oidhche aig muir.

Chuir Calum Dhonnchaidh cairt a Nis madainn Diluain a thogail an èisg, 's le sin cha d'fhuair na Nisich a' chuid a b' fheàrr dhe na ghlac sgioba a' Windsor Castle.

Tha e coltach gun tug Dòmhnall Chaluim minidh do "bhodaich Bhradhagair" airson an cuideachadh leis an eathar a chàradh agus nach do chuimhnich iad a thilleadh thuige. 'S dòcha gur e seo a thug air an t-òran a dhèanamh.

Seinneadairean / Performers

Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

Rugadh Seonaidh 'Beag' Mac a' Mhaoilein, mac Sheonaidh Ciorstaidh, ann an Leumrabhagh air 7 Sultain, 1939. Bha athair a' ruith bus eadar Steòrnabhagh agus bailtean ...

Fiosrachadh air Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag) / Learn more about Seonaidh Mac a' Mhaoilein (Seonaidh Beag)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.