Dùisg Anam Dùisg

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) agus air a sheinn le: Cairistìona Sheadha.

This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh a' Cheisteir) and sung by: Cairistìona Sheadha.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Dùisg, anam, dùisg agus gabh don choinneamh ùrnaigh
Mu fosgail thu do shùil ann an dòrainn.
Do leisgeulan as ùr dhut, cha seas iad aig a' chùirt thu
'S cha chuidich iad a-null thu air Iòrdan.

Dìtear leis a' chloinn thu a their nach fhacas ann thu
Is cha bhi leisgeul ann aig do sheòrsa.
Chan fhalaich beinn no stùc thu, chan fhalaich cnoc no cùil thu
Bho lasadh deàlrach sùilean Iehòbha.

Mo bheannachd aig na fiùrain tha cumail coinneamh ùrnaigh
Tha seinn ann air cliùthan Iehòbha.
Thèid iad tron an tùisear an tagraidhean 's an ùrnaigh
Is sèilichear le triùir ann an glòir iad.

Glaodhaibh mach le aoibhneas mar fhianaisean na h-oighreachd
'S nach coma leibh gad chluinnt' ann an glòir sibh.
Bidh gàirdeachas air ainglean ag èisteachd bean na bainnse
'S i frithealadh don dream sin tha leòinte.

Nan tosdadh iad na laoich ud 's na fanadh iad gun ghlaodhaich
Nan caidleadh iad mar aon dhe na h-òighean,
Na clachan bhiodh a' glaodhaich le fianais air a thaobh-san
Is dhìteadh iad an saoghal nan ònar.

Ma dh'aidich thu nis Crìosda, 's gun d' thog thu air an fhianais,
Ma ghabh thu dhan an fhìon aig a bhòrd-san,
Nach nochd thu fèin don t-saoghal gun tug thu gràdh is gaol dha
'S gu leanadh tu far-aon anns an fheòil e.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha laoidhean agus òrain Mhurchaidh a' Cheisteir rim faighinn anns an leabhar Bàrdachd Mhurchaidh a' Cheisteir, air fhoillseachadh le The Darien Press Ltd, Dùn Èideann, 1962.

Cuideachd, tha fiosrachadh mu Chairistìona agus a piuthar Peigi anns an iris aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 41.

Seinneadairean / Performers

Cairistìona Sheadha

B' i Cairistìona Sheadha nighean le Uilleam Donn Dòmhnallach à Àrd Àsaig, Na Hearadh. Thàinig Uilleam à Srannd, an ceann a deas Na Hearadh, agus ...

Fiosrachadh air Cairistìona Sheadha / Learn more about Cairistìona Sheadha

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.