Duan na Muildheartaich

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceana Chaimbeul agus Peinidh Mhoireasdan.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceana Chaimbeul and Peinidh Mhoireasdan.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Latha dhan Fhinn air Tulaich Oirill
Coimhead Èirinn far mòr thimcheall
Chunnacas a' tighinn air bharraibh thonn
An earra chraoille chràille chrom
'S e b' ainm dhan nì nach bu thiom
A' Mhuildheartach mhaol ruadh
O chrìochaibh Lochlainn thar sàil
Gu Èirinn a chomhachadh uile
Bha claidheamh meirgeach air a crios
An àm na gairge clisge cais
Bha dà shleagh eile chaoile chath
Air an taobh eile na chaillich
Bha h-aodann dubhghorm air dhreach a' ghuail
Le deud chràbadach chnàmh ruadh
Bha aon sùil rionna na ceann
'S bu luaith i na rionna Gheamhraidh
No mar chribhìnich chais air a ceann
No mar choill chraobhaidh àrd chritheann
Coimhead nam Fiannta bho deas,
Diùcadh a' bhiast chon na h-aimhlis
Bha bhiast a' mire ri h-àl
A thàrladh le gion gun chomain
Mharbh i le sàthadh ceud laoch
'S gu robh gàire na garbh chraos
Gach laoch a b' ionmhainnich a bh' ann
A thogadh ri caolaibh crann
Mar sgàth fala measg nan con
Na biodh Soireal gam mùigheadh
Nuair a chunnaic iad colg na bèiste
Dh'èirich Fionn, flath na Finn
Dh'èirich Oisein flath nam fear
Dh'èirich Oscar is Diorainn
Dh'èirich Diarmad O' Duinn
Dh'èirich sin is Iarl' O' Buinn
Dh'èirich triùir mhac 'ic Ciar O' Dhuinn
Dh'èirich sin agus Cearbhall.
Dh'èirich Glaisean Fhad-amhach
Dh'èirich is Àrd-amharc
Dh'èirich Ciardhubh, mac Righ Lòin
Dh'èirich sin agus Rìgh na Sgoireal.
'S e 'n ceathrar a b' fhoghaintiche bha san Fhinn
Chaidh a' chòmhrag ris a' bhèist
'S bha i ga frithealadh mu seach
Mar ruitheadh a' lann air a lasair.

Duain

Chaidh duain leithid an fhir seo a chruthachadh uaireigin eadar an deicheamh agus an còigeamh linn deug anns a' Ghàidhlig chlasaigeach a bha aig aon àm air a chleachdadh ann an Alba agus ann an Èirinn. Buinidh iad do na sgeulachdan mòra mu gaisgich leithid Fionn Mac Cumhail agus Cu Chulainn agus an Fhèinn. B' e na Lochlannaich an nàimhdean agus tha an duan seo ag innse mar a mharbh an Fhèinn A' Mhuildheartach, uile-bhèist iargalta Lochlannach.

Ann an Leabhar na Fèinne tha an dealbh seo air a thoirt oirre: "This personage is described in ballads as a woman, having one terrible eye, swift as a mackerel, shaggy hair, black blue complexion and teeth encumbered with splinters of bone. According to some versions an eagle or griffin, with claws like a tree, was on her head. She was an ally of the Norsemen. She came from the sea and fought all the Fèinne who made a battle ring of their seven battalions before they slew her."

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha seòrsaichean de Dhuan na Muildheartaich agus iomadh duan eile rim faotainn ann an Leabhar na Fèinne, deasaichte le Iain F. Caimbeul, a chaidh a' chlò-bhualadh an toiseach le Spottiswoode and Co, Lunnainn, 1872. Chaidh fhoillseachadh a-rithist le Irish University Press an Èirinn ann an 1972.

Seinneadairean / Performers

Peinidh Mhoireasdan

Rugadh Peinidh 'Bheag' Mhoireasdan anns an Ìochdar air 27 Giblean, 1906, nighean le Màiri Anna Sheòrais, Màiri Anna Mhòr, a bhuineadh don Chlachan Mhòr. Chuir ...

Fiosrachadh air Peinidh Mhoireasdan / Learn more about Peinidh Mhoireasdan
Ceana Chaimbeul

Ceana Chaimbeul

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...

Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana Chaimbeul

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.