Dol do dh'Uibhist

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig) agus air a sheinn le: Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein.

This is a song written by: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig) and sung by: Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ho ro leannain nach tiugainn sibh leamsa?
Rachamaid tacan a dh'fhaicinn ar dùthcha;
Gheibh sinn an t-aiseag air bàta na smùide
Leagail ar cùrsa air Innis nan Bò.

Fhuair sinn dhan charbad a dh'fhalbhadh gu h-uallach
Nochd e ri Grianaig is bial Abhainn Chluaidh leinn;
Dh'èirich mo chridhe ri mullach nam fuarbheann
'S ann san taobh tuath a thogadh sinn òg.

Seachad Loch Laomainn gum b' èibhinn an sealladh,
Bha còisir sa choill ann a' seinn air na meangain;
Bha smeòrach nan geug ann a' gleusadh le caithream
Gun teud ann am baile bheir dheth e gu ceòl.

A' dìreadh ri Raineach tha sealladh air aonadh
Na beanntainean àrda mar gheàrd air gach taobh dheth;
Dh'ùraich mo chàileachd ri fàileadh an fhraoich
'S bha osag na gaoith' thar choille nan cnò.

Tro bheanntainean binneanach, bideanach, stùcach
Creaganach, carraigeach, cam-alltach, lùbach;
Glas-ghlacach, cas-leacach, bras-uisgeach siùbhlach,
Glan, ruidhteach, cùbhraidh, fallain ri òl.

Seachad Loch Abar thig seallaidhean ùr' oirnn;
Chì sinn Beinn Nibheis 's i nis air ar cùlaibh;
Choisinn a mullach dhi urram a' chrùin
'S i fad os ar cionn a' falach sna neòil.

Aig Ceann Locha Mùideart gur sunndach ar n-aigne,
'S an carbad gar giùlan a dh'ionnsaigh a' chladaich;
Gur goirid an ùine gun dhlùth i ri Mallaig;
Tha fàileadh na mara 's e cheana fom shròin.

Fàgaidh sinn Mallaig air bàta na smùide
'S fhad' o là b' aithne dhomh rathad na h-iùbhraich,
Cuiridh i eilein beag Eig' air a cùlaibh;
Sgoiltidh i Rùm is Eilean a' Cheò.

Seachad Ceann Chanaigh a' gearradh nan cuaintean
Sìoban na mara na shad thar a guailleadh;
Togaidh sinn Barraigh thar bearradh nan stuadh
'S gum faic sinn a tuath air Uibhist nam Bò.

O Uibhist nan àrdbheann, mo ghràdh riut bhith tilleadh,
Do cheanglaichean làidir a' sàs ann am chridhe;
'S e dùthaich an àigh anns na dh'àraicheadh mis' thu
'S chan fhàgainn thu idir mur bithinn gun dòigh.

O Uibhist bheag, bhraonach, bidh gaol aig gach neach ort,
A dhìrich ri d' aonach no shaothraich air d' achadh;
Ged shiùbhlainn an saoghal 's e ghlaodhainn "mo dhachaigh" ris,
Dùthaich Mhic Ailein, tìr mhaiseach an eòrn'.

Nuair ruigeas mi 'n cidhe cha bhi mi fo ghruaimean
Coinnichidh a' fichead a thig on taobh tuath mi;
"Tha thu air tilleadh, a Mhic Aonghais Ruaidh,
Nach tiugainn sinn suas gum faigheamaid stòp."

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall Mac an t-Saoir air a cruinneachadh anns an leabhar Sporan Dhòmhnaill - Gaelic Poems and Songs by the Late Donald Macintyre, The Paisley Bard. Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le Somhairle Mac a' Mhaoilein is chaidh an leabhar fhoillseachadh le Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann, 1968.

Chaidh Aeòlus, air a dheasachadh le Bill Innes, agus le CD na chois, fhoillseachadh le Grace Note Publications, Glaschu, 2008.

Seinneadairean / Performers

Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

Rugadh Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein, Aonghas Iain a' Mhuilleir, air 7 Samhain 1918, ann an Lionacleit, ann am Beinn na Fadhla, an dara duine ...

Fiosrachadh air Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein / Learn more about Aonghas Iain Mac a' Mhaoilein

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.