Do Làmh a Chrìosda

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus air a sheinn le: Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr agus Màiri NicAonghais.

This is a song written by: Dòmhnall Iain Dòmhnallach and sung by: Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr and Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Do làmh, a Chrìosda, bi leinn an còmhnaidh;
Ar sìol gu fàs thu, ar gàrradh ròsan;
Ar foghair buain Thu, ar cruach dhen eòrna -
Nad shaibhlean biomaid aig crìch ar bèo-bhith.

Ar n-oiteag chùbhraidh, ar driùchd na Màigh Thu,
Ar cala dìdein an tìmean gàbhaidh,
Ar grunndan iasgaich, ar biadh, ar sàth Thu,
Nad lìontaibh biomaid aig ìre bàis dhuinn.

Nar làithean leanabais biodh d' ainm-sa beò dhuinn,
Nar làithean aosta do ghaol biodh còmh' rinn,
Tro neòil ar dùbh'rachd ar cùrsa treòraich,
Tro shiantan dùr', gu reul-iùil ar dòchais.

Cha chrìoch am bàs dhuinn ach fàs às ùr dhuinn –
lìon led ghràs sinn, gu bràth bi dlùth dhuinn;
'S nuair thig an t-àm oirnn aig ceann ar n-ùine,
'S e òg-mhìos Mhàigh bhios an àite Dùdlachd.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais

Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr

Bha ceud bliadhna ann, ann an 2006, bho chaidh Eaglais Naomh Barr fhosgladh anns a' Bhàgh a Tuath ann am Barraigh. Ro sin, bha aig daoine ris ...

Fiosrachadh air Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr / Learn more about Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.