Dì-moladh na Tì

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) agus air a sheinn le: Ùisdean MacCuinn.

This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bàrd Bhaile Mhàrtainn) and sung by: Ùisdean MacCuinn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Fhir a tha cumanta siubhal nan garbh-chrìoch
Thig agus innis dhomh nis o chionn aimsir
Càit' am bheil caileag tha coltach ri seanmhair?
Tha iad air searg le duilleach na Tì.

Chì sibh cailean 's gach fasan san t-saoghal;
Dh'fhalbh gu buileach an fhuil as an aodann;
Gùntan fada is brògan faoine,
Is casan ro-chaol air chumadh na Tì.

Air glaodh a' choilich mun soilleirich neòil
"Cupa na maidne" a chanas na seòid ris;
Samhladh air misgeirean ann an taigh-òsta,
Gearan fhear òg mur toir thu dhaibh Tì.

Bodach a' bhrochain bha foghainteach, seideanta,
Dh'itheadh gu somalta bonnach an leth-òirlich
Gearan 's a' caoidh 's a làmh fo leth-cheann
'S gun chungaidh eile nì leigheas ach Tì.

Madainn na Sabaid, is nàrach ri luaidh e,
Mionnaichidh bodaich le corraich an uamhais;
Ach nì iad ann t-altachadh fada gun ghruaim
Sa mhadainn Diluain nuair gheibh iad an Tì.

Chì sibh cailleach na suidhe aig na h-eibhlean,
Flanain mu ciothall 's i gearain an dèideadh;
'S gann gun toir i ort freagairt le rèite
'S bi i cho breun, mur toir thu dhith Tì.

Màthair leanaibh, mun coisich e 'n t-ùrlar,
Bheir i dha cupa na shuidh' air a glùinean
Gheibh e i milis ged theirig an siùcair;
'S lagaich i lùth gu buileach le Tì.

Cailleach nam breug, na fiosachd 's na bòilich
Aig eil mar fhasan bhith mealladh gach òinsich;
Fear anns an dàn a dh'aindeoin no dheòin;
Chan innis i 'n còrr mun toir iad dhith Tì.

Iasg na mara, tha Glaschu làn dheth;
Ìm no uighean, chan fhuirich san àite;
'S ged dh'itheadh iad uile tur am buntàta
Cuirear an càise cheannach na Tì.

Ged thig am bainn oirre toiseach an t-samhraidh,
Leanaidh gach cailleach ri fasan a' gheamhraidh;
Fiacail fhallain chan eil i na ceann
'S na bunan a th'ann cho dubh ris an Tì.

Bodach beag biorach a' tighinn mu Chaingeis
Malaid bheag aige, 's cuiridh e sgraing air;
Punnd is leth-phunnd, is ceithreamh 's gach pàipeir
'S e gun ghuth cainnt ach moladh na Tì.

Latha na cunntas 's turas an aimhleis
Bidh iad fo chasan luchd-malairt an airgid;
Dè mar is urrainn iad gun a bhith 'n ainfiach
Nuair a tha 'n ainm an leabhar na Tì.

Chan iad na marsantan uile gu lèir
A rinn an droch fhasan gu mnathan a theumadh,
Ach am fear crùbach ann an Dùn Èideann
Chuir e bho fheum iad buileach le Tì.

B' aithne dhomh cailean bha faramach, foirmeil,
Beò, brisg, beadarach, ceithreannach, calma,
Slàn, bras, fallain gu obair, ach dh'fhalbh siud
Cuid dhiubh tha gorm le galair na Tì.

Thusa chail' òg, dam bu chòir a bhith somalt'
Le fuil agus feòil, ma thòisich galair ort,
Bheir mi dhut lèigh a lèigh'seas d' an-shocair;
Òl am bainn', agus seachain an Tì.

Na facail mar a nochd iad anns an leabhar Na Bàird Thirisdeach, deasaichte leis an Urramach Eachann Camshron, air a chur a mach leis a' Chomunn Thirisdeach, 1932.

Seinneadairean / Performers

Ùisdean MacCuinn

'S ann aig an taigh ann an Cullipool air Eilean Luinn, eilean beag anns an Linne Latharnach mu 16 mìle deas air an Òban, a ...

Fiosrachadh air Ùisdean MacCuinn / Learn more about Ùisdean MacCuinn

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.