Dh'fhalbh mi Leis na Lùban Laghach

Òran air a sgrìobhadh le: a' bhean uasal ghrannd agus air a sheinn le: Seonag NicChoinnich.

This is a song written by: a' bhean uasal ghrannd and sung by: Seonag NicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Dh'fhalbh mi leis na lùban laghach
Bu roghainn leam fhèin sin;
Dh'fhalbh mi leis na lùban laghach
'S chaidh mi leotha dh'Èirinn.

Thuirt e gu robh aige caisteal
'N tathaicheadh na ceudan;
Bothan beag air cùl a' bhruthaich
Fuireach lem phiuthar-cèile.

Thuirt e gu robh aige buailtean
Chuairticheadh na treudan;
Aona bhò chrom a chaidh thar sliochd
'S a bheireadh bliochd air èiginn.

Dh'fhàg mi 'n tonnag air an todhar
Fo chromadh nan geugan;
Dh'fhàg mi 'n cuman is an gogan
Fa chomhair a chèile.

Dh'fhàg mi an crodh laoigh san eadradh
'S na laoigh bheaga geumnaich;
Dh'fhàg mi am buachaille galach
'S a' bhanarach deurach.

Rìgh, gur mise thilleadh dhachaigh
Ach m' athair bhith rèidh rium;
Dhèanainn am bualadh san t-sabhal
Chàthainn agus ghrèidhinn.

'S truagh nach mise bh' air a' leabaidh
Seachdainean gun èirigh;
Man do fhreagair mi 'n fhead ghlaice
'S mi 'n taice na sprèidhe.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Air 20 Dùbhlachd, 1912, thug an t-Urramach Tòmas Sinton òraid do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis far an tug e iomradh air cuairt a ghabh e gu Both Fhleisginn agus Foithir air taobh an ear Loch Nis. Dh'innis e sgeulachd mu àite air an robh Fothar Beag no Pothar Beag, air oighreachd Chnocaidh, a bha aig aon àm le fear ris an cante Iain Cinn a' Mhunaidh.

Bha Iain a' suirghe air bean-uasal de theaghlach nan Granndach a bha a' fuireach san Taigh Mhòr an Gleann Moireasdan agus bhiodh e tric a' dol tarsainn an loch a thadhal oirre.

Bhiodh e a' toirt leis gille mar shearbhant, agus bhiodh aig a' ghille ri màileid a ghiùlain leis. Bha a' mhàileid air a lìonadh le connlach agus air uachdar sin bhiodh aon thriubhais bhuidhe.

Nochdadh an dithis, agus a' mhàileid, aig Taigh Inbhir Moireasdan far am faigheadh iad aoigheachd fad dhà na trì làithean. Gach madainn dheigheadh an t-searbhant gu doras seòmar a mhaighstir agus dh'fheòraicheadh e, ann an guth àrd, "Gu dè an deise a chuireas sinn oirnn an-diugh, a Thighearna Fothair?"

Gheibheadh e an aon fhreagairt gach latha, "Cuiridh sinn oirnn an triubhais bhuidhe tha 'm bial a' phoca."

Air oidhche nan seachd sian chanadh an t-searbhant ri mhaighstir, "O gu dè thig dhe crodh nan adhaircean dubha 's geala a-nochd, Thighearna Fothair?"

Fhreagradh Iain Cinn a' Mhonaidh, "A' chuid nach cùm na bàthaichean dhiubh, cumaidh Coir' an Iuthair."

Chaidh an t-suirghe leis agus phòs Iain Cinn a' Mhunaidh a' bhean-uasal Ghrannd, agus an ceann ùine thug e i dhachaigh gu Fothar Bheag, far an do rinn Ban-tighearna ùr Fothar an t-òran, 's i le uabhas agus aithreachas.

As an dreach den òran a tha aig Seonag NicCoinnich tha an tè a chaidh am mealladh a' dol a dh'Èirinn ach chan eil guth air Èirinn as na facail aig Tòmas Sinton:

O dh'fhalbh mi le na lùban laghach
Dh'fhalbh mi le na lùban;
O dh'fhalbh mi le na lùban laghach
'S thadhail mi na breugan.

'S truagh nach robh mi anns an teasach
Am feast ann gun èirigh;
Dar fhreagair mi 'm fear glaic
Bha 'n caidreamh nan sprèidh.

Nuair ràinig mi do bhaile
Cha robh slat ri chèile;
Cha robh ann taigh na sabhal
'S an laighinn na 'n èirinn.

Ach bothan beag am bun a' bhruthaich
Aig mo phiuthar-cèile;
Cha robh aic' ach beagan mine
'S cha b' uilear dhith fhèin e.

Cha robh aic' ach beagan bainne
'S cha b' aithne dhith a ghrèidheadh;
'S b' e mo roghainn tilleadh dhachaidh
Nam biodh m' athair rèidh rium.

Anns an leabhar aige, Story and Song from Loch Ness-side (Inbhir Nis, 1914) tha Alasdair Dòmhnallach ag ràdh gu robh an t-òran bitheanta anns na sgìrean taobh Loch Nis agus tha e a' toirt na facail mar a leanas:

Dh'fhalbh mi le na lùban laghach
Dh'fhalbh mi le na lùban;
Na lùban, na lùban laghach
Bu roghainn leam na lùban.

Gheall thu dhomh taigh mòr is sabhal
San tadhaileadh na ceudan;
'S thuirt thu gu robh agad buailtean
'S buachaillean da rèir sin.

Cha robh taigh mòr agad na sabhal
Ged a chuirinn feum orr'
Ach bothan beag am bun a' bhruthaich
Bh' aig mo phiuthar-chèile.

'S cha robh aic' ach beagan mine
'S cha b' uilear dhith fhèin e;
'S cha robh aic' ach beagan bainne
'S cha b' urra dhith a ghrèidheadh.

An uair a ràinig sinn am baile
Fhuair sinn iad gun èirigh;
Dh'fhàg mi am buachaille galach
'S a' bhanarach deurach.

An crodh-laoigh gun an leigeil
'S na laoigh bheaga geumnaich.
'S b'e mo roghainn tilleadh dhachaidh
Nam biodh m'athair rèidh rium.

'S truagh nach mise bha nam laighe
Seachd seachdainean gun èirigh.
Mun do fhreagair mi 'n fhead ghlaice
Thàinig taic an sprèidh rium.

Seinneadairean / Performers

Seonag NicChoinnich

Seonag NicChoinnich

Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray ...

Fiosrachadh air Seonag NicChoinnich / Learn more about Seonag NicChoinnich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.