Deòch Slàinte nan Gillean

Òran air a sgrìobhadh le: iain macFhionghain agus air a sheinn le: dòmhnall mac na ceàrdaich agus Ellen Nic na Ceàrdaich.

This is a song written by: iain macFhionghain and sung by: dòmhnall mac na ceàrdaich and Ellen Nic na Ceàrdaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S tha 'n Ariel bhòidheach gar feuchainn aig seòladh
Airson a bhith còmh' rinn 's bu chòir dhi bhith ann;
Ach le mheud 's fhuair thu dh' fhòghlam an toiseach do thòisich,
Gun bheat thu iad còmhla 'n àm crosadh na Line.

'S i ghearradh an fhairge mar shiosar air caimrig,
'S bha Chinaman mailidheach na dhealbh air a sròin;
'S i thàirngeadh an t-sùrdag air bhàrr nan tonn dùbhghorm,
Mar fhiadh anns a' bhùireadh air chùl nam beann mòr.

'S nuair a chroch thu cuid aodaich am bàrr a cruinn chaola,
'S i dh'fhalbh gu h-aotram mar fhaoileag nan tonn;
Gaoth-tuath 's i na frasan mar luaidhe ga sadadh,
'S bha fuaim aig a darach 's i sgapadh nan tonn.

'S nach gabh sinn an t-òran a rinneadh do Dhòmhnall
Bhon bha thu cho fòghlaimt' air seòladh nan long:
Choisinn e an t-urram à China gu Lunnainn
'S gur feàrr leam na m' uile gun bhuidhinn e 'n geall.

Seinneadairean / Performers

Ellen Nic na Ceàrdaich

Rugadh Ellen Nic na Ceàrdaich ann an 1965 agus thogadh i ann an Inbhir Ghrainnse, far an deach i do Bhun-sgoil Sacred Heart. An dèidh ...

Fiosrachadh air Ellen Nic na Ceàrdaich / Learn more about Ellen Nic na Ceàrdaich

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.