Dèan Cadalan Sàmhach

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacRath (Iain mac Mhurchaidh) agus air a sheinn le: Anna Nic na Ceàrdaich, Ceana Chaimbeul, donna nic a' ghobhainn, Eachann MacCoinnich, Màiri Hamilton agus Seumas C. M. Caimbeul.

This is a song written by: Iain MacRath (Iain mac Mhurchaidh) and sung by: Anna Nic na Ceàrdaich, Ceana Chaimbeul, donna nic a' ghobhainn, Eachann MacCoinnich, Màiri Hamilton and Seumas C. M. Caimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Dèan cadalan sàmhach a chuilein mo rùin,
Dèan fuireach mar tha thu 's tu an-dràsta an àite ùr;
Bidh òigeirean againn làn beairteis is cliù,
'S ma bhios tu nad airidh 's leat feareigin dhiùbh.

Gur ann an Ameireagaidh tha sinn an-dràst'
Fo dhubhar na coille nach teirig gu bràth;
Nuair dh'fhalbhas an dùbhlachd 's a thionndaigh's am blàths,
Bidh cnothan, bidh ùbhlan 's bidh an siùcar a' fàs.

'S ro bheag orm fhèin na daoine seo th' ann
Len còtaichean drògaid, ad mhòr air an ceann,
Lem briogaisean goirid 's iad sgoilte gum bainn,
Chan fhaicear an t-osan - 's i bhochdainn a th' ann.

Tha sinne nar n-Innseanaich cinnteach gu leòr,
Fo dhubhar nan craobh cha bhi h-aon againn beò;
Madaidh-allaidh is bèistean ag èigheach 's gach fròg,
Gu bheil sinne nar n-èiginn bhon latha thrèig sinn Rìgh Deòrs'.

Thoir mo shoraidh le fàilte Chinn Tàile nam bò
Far an d'fhuair mi greis m' àrach 's mi am phàiste beag òg,
Bhiodh fleasgaichean donn' air am bonnaibh ri ceòl,
Is nìonagan dualach 's an gruaidh mar an ròs.

An toiseach an fhoghair bu chridheil ar sunnd,
Am fiadh as an fhireach, 's am bradan à grunnd,
Bhiodh luingeas an sgadain a' tighinn fo sheòl,
Bu bhòidheach an sealladh 's fir dhonn air am bòrd.

Seinneadairean / Performers

Anna Nic na Ceàrdaich

Anna Nic na Ceàrdaich

'S ann ann an Inbhir Ghrainnse a thogadh Anna Nic na Ceàrdaich ach buinidh a teaghlach do ...

Fiosrachadh air Anna Nic na Ceàrdaich / Learn more about Anna Nic na Ceàrdaich
Eachann MacCoinnich

Eachann MacCoinnich

Rugadh Eachann MacCoinnich, Eachann Thormoid Mhòir, air 11 Màrt, 1926, ann an Geàrrloch. Bhuineadh a mhàthair, Ceit Nic a' Phearsain do na h-Obanan, ann an ...

Fiosrachadh air Eachann MacCoinnich / Learn more about Eachann MacCoinnich
Màiri Hamilton

Màiri Hamilton

Rugadh Màiri Chaimbeul anns an t-Srùigh ann a' Srath Ghlais air 14 Dùbhlachd, 1888. B' e geamair a bha na h-athair, Raibeart, a bhuineadh do ...

Fiosrachadh air Màiri Hamilton / Learn more about Màiri Hamilton
Ceana Chaimbeul

Ceana Chaimbeul

Buinidh Ceana Chaimbeul don Ghrìob anns an Eilean Sgitheanach agus do theaghlach aig a bheil ùidh mhòr ann an ceòl is òrain. Choisinn i am ...

Fiosrachadh air Ceana Chaimbeul / Learn more about Ceana Chaimbeul
Seumas C. M. Caimbeul

Seumas C. M. Caimbeul

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...

Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.