Dè Nì Mi Gun Lèine Ghlan

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir òg ghàidhlig thaigh an uillt.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir òg ghàidhlig thaigh an uillt.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Dè nì mi gun lèine ghlan,
Gun lèine gheal, gun lèine ghlan,
Dè nì mi gun lèine ghlan
'S mi falbh on taigh a-màireach.
Dè nì mi gun lèine ghlan,
Gun lèine gheal, gun lèine ghlan,
Dè nì mi gun lèine ghlan
'S mi falbh on taigh a-màireach.

Tha taigh agam, tha bean agam,
Tha allt aig ceann an taigh agam,
Tha pinnt de shiabann geal agam,
'S mo lèine salach, grànda.
Tha taigh agam, tha bean agam,
Tha allt aig ceann an taigh agam,
Tha pinnt de shiabann geal agam,
'S mo lèine salach, grànda.

Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair,
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair.
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair,
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair.

Tha thusa buidhe, tana, buidhe, odhar, buidhe, liathghlas,
Thusa buidhe, tana, buidhe, odhar, buidhe, liathghlas.
Tha thusa buidhe, tana, buidhe, odhar, buidhe, liathghlas,
Tha thusa, luaidh, buidhe, ruadh mar a bha do sheanmhair.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.