Daolagan Cholaràdo

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Dòmhnall Iain MacDiarmaid.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Dòmhnall Iain MacDiarmaid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S iomadh plàigh a tha san t-saoghal,
'S iomadh call a thig air daoine,
'S iomadh nì tha milleadh ar saoghail
'S a' toirt adhbhar dhuinn bhith cràiteach.

Sèist / Chorus

Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh,
'N oidhche nochd gu cridheil, coibhneil,
Maille ri maighdeann dhonn na h-àirigh,
Thug mi 'n oidhche raoir san àirigh.

Tha na daolagan am bliadhna
Feadh gach raon buntàt' ri riasladh;
'S gann gun d'fhàg iad cnap gu biadh dhuinn,
'S cruaidh a dh'fheuch iad sinn len cnàmhan.

Colaràdo fada 'n iar bhuainn
'S ann a dh'àraicheadh na biastan;
Ghluais iad às a' sin gu lìonmhor,
Greis a' sniagail, greis a' snàgail.

Nuair thig grian na madainn bhlàth oirnn
Chan eil àit' nach gabh iad faighinn;
Chì mi falbh iad anns an adhar,
'S bidh an rathad loma-làn dhiubh.

Chan eil meas ac' air lus foille,
No air lus tha fàs sna coilltean;
'S e buntàta biadh an aoibhneis,
Cha bhi loinn às gun bhith làmh ris.

Chomha luath 's a chì iad duilleag
A' fàs suas gu bòidheach, lurach,
Bidh am bus innte gu guineach
'S ithidh iad o bhun gu bàrr i.

Chan ith feannagan dubh nam beann iad,
'S chan eil cearc ann a thig teann orr';
Ged 's math càil a' choilich Fhrangaich,
Seachnaidh e le greann is gràin iad.

Tha iad mèathte, dèante, snaighte,
'S air am druim tha slige bhreac orr',
Cumail dìon orra mar chaisteal,
Slige bhreac à loc cruaidh, làidir.

Ma gheibh mise beagan saoghail
Chithear còmhlaichean mu na raointean,
Nach leum each 's nach leag na gaothan,
'S gheibh na daolagan an sàbh bhuam.

'S iomadh bodach eutrom, somalt'
'S cailleach gharbh tha sgìth a' cromadh,
A' cur cruinn nam biastan sgonnach
Chum an donnadh anns an àmhainn.

'S iomadh òigear làidir, sunndach,
Agus caileag laghach, ghaolach,
A tha sgìth a' cur nan caolan
Às na daolagan le clàran.

Bheir mi dhaibh am puinnsean neartmhor
Tha na Frangaich dhuinn a' cleachdadh;
Uair no dhà a h-uile seachdain
Nì mi 'm peacach gann de nàmhaid.

Tuilleadh Fiosrachaidh: Daolagan Cholaràdo

Glè thric bhiodh bàird Cheap Breatainn a' stèidheachadh òrain ùra air na seann òrain no a' gabhail iasad air fonn aithnichte airson òran ùr a dhèanamh agus 's e sin a tha air tachairt an seo. Chan eil fhios cò ùghdair an òrain, ach tha e follaiseach gu robh e air a bhuaireadh gu mòr leis a' phlàigh ris an canar Daolagan Cholaràdo.

Nì na daolagan seo (Leptinotarsa decemlineata) sgrios gu h-àraidh air buntàta ach cuideachd air planntaichean tomàto. Tha iad nas giorra na leth-òirleach a dh'fhaid, le corp buidhe no orainds, le còig srianagan donna air na sligean aca.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Iain MacDiarmaid

Ann am prògram a rinn e air Òrain à Ceap Breatainn thuirt Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain mu Dòmhnall Iain ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Iain MacDiarmaid / Learn more about Dòmhnall Iain MacDiarmaid

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.