Cumha Iain Gairbh

Òran air a sgrìobhadh le: Piuthar Iain Gairbh agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig obar pheallaidh agus Ina NicDhiarmaid.

This is a song written by: Piuthar Iain Gairbh and sung by: còisir ghàidhlig obar pheallaidh and Ina NicDhiarmaid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Och nan och 's mi fo lèireadh
mar a dh'èirich don ghaisgeach;
Chan eil sealgair na sìthne
an-diugh am frìth nam beann casa.

Sèist / Chorus

Hù o ro hò io ro hò hug oireann ò,
Hò a o hù èile e hò
Hù o ro hò io hò bhà
Hò ro bha, hiù ra bhò, hiù o rò,
Hù o rò hò io hò hùg oireann o,
Fàill ill ò laill io hò.

Bha mi uair nach do shaoil mi,
ged is faoin bhith ga agradh,
Gun rachadh do bhàthadh
gu bràth air cuan farsaing.

Fhad 's a sheasadh an stiùir dhith
'S tu air cùl a buill bheairte,
Dh'aindeoin ànradh nan dùilean
Agus ùpraid na mara.

Fhad 's a dh'fhanadh ri chèile
A cuid dhealgan 's a h-acainn,
Is gum b' urrainn dhi gèilleadh
do d' làimh threun air an aigeann.

Ach b' i an doineann bha iargalt
le gaoth à 'n iar-thuath 's cruaidh fhrasan:
Thog i a' mhuir na mill dhùbhghorm
'S smuais i 'n iùbhrach na sadan.

Cuspair an Òrain

Bhàthadh Iain Garbh Mac Ille Chaluim Ratharsair anns a' Chuan Sgìth, air Dihaoine na Ceusda sa bhliadhna 1671. Tha e coltach gu robh e air a bhith ann a' Leòdhas aig baisteadh pàiste le Iarla Shìophort.

Bha mòran a' cumail a-mach gur e buidseachd a dh'adhbharaich call na bìrlinn. Ann an Ortha nan Gaidheal (Carmina Gadelica) Leabhar 5, tha Alasdair MacIlleMhìcheil ag ràdh:

"It is said that he was drowned through the machinations of his own muime, who employed several famous witches to raise the tempest in which he was drowned. These were Spòg Bhuidhe of Màiligir in Skye; Gormshùil from Cràcaig in Skye and Doideag Dhubh from Duart in Mull."

Ach tha e nas coltaiche gu bheil fìrinn na cùise aig an t-Urr. Seumas Friseal a sgrìobh mun tubaist ann an 1671:

"This April the Earl of Seaforth duelling in the Lewes, a dreadful accident happened. His lady being brought to bed there, the Earle sent for John Garve M'kleud, Laird of Rarzay, to witness the christening; and, after the treat and solemnity of the feast, Rarsay takes leave to goe home, and, after a rant of drinking uppon the shoare, went aboord off his birling and sailed away with a strong north gale off wind; and whither by giveing too much saile and no ballast, or the unskillfulness off the seamen, or that they could not mannage the strong Dut(ch) canvas saile, the boat whelmed, and all the men dround in view of the cost.

"The laird and 16 of his kinsmen, the prime perished; non of them ever found; a grewhound or two cast ashoare dead; and pieces of the birling. One Alexander Mackleod in Lewes the night before had voice warning him thrice not to goe at (all) with Rarsey for all would drown in there return; yet he went with him, being infatuat, and drowned (with) the rest. This account I had from Alexander his brother the summer after, Drunkenness did the (mischeife)."

Rinn Pàdraig Mòr MacCruimein a' phìobaireachd ris an canar Cumha Iain Ghairbh dha agus a rèir seanchais bha tè de na peathraichean aige a rinn tuireadh dha a h-uile Dihaoine fad bliadhna as dèidh sin.

Seo dà chumha eile do Iain Garbh.

'S mi am shuidh' air an fhaodhlainn
'S mi gun fhaoilte gun fhuran,
Rìgh! cha tog mi fonn aotrom
O Dhi-haoine mo dhunaidh.

Sèist / Chorus

Hi-il ò ho bha hò hi-il ò ho bha ò,
Hi-il ò ho bha ò hi-il ò ro o-bha èile.

Cha tog mi fonn aotrom,
O Dhihaoine mo dhunaidh
On a chailleadh am bàta,
Air na bhàthadh an curaidh.
'S i do ghual' a bha làidir,
Ged a shàraich am muir thu.
Rìgh, cha b'fheàrr do shliochd Adhaimh
Chuireadh làmh anns a' churaidh.
Nochd gur h-ìosal' do chluasag
Fo lic fhuaraidh na tuinne
'S ann an clachan gun tràghadh
Tha mo ghràdh-sa na uirigh.
'S ioma ban-tighearna bhrèid-ghil
Bhios gu deurach gad chumha
Agus stiomach òg uasal
Nach bu dual bhi fo mhulad.
Tha do chlaidheamh na dhùnadh,
Fo dhrùchdadh nan uinneag.
Do chuid chon air an iallaibh,
'S cha triall iad don mhonadh
Do fhrìth nam beann àrda,
No gu àrd-bheinn a' Chuilthinn.

Sèist / Chorus

O ì òro hò i
'S gur tu thighinn fallain.

Seall a-mach an e an là e
'S mi feitheamh na fàire.

'S e an sgeula nach binn leam
Chaidh innseadh roimh Chaisg dhomh.

T-fhaighinn bàit' air a' charra
Ma' ri Calum do bhràthair.

Fear mòr a shìol Torcaill
'S e do chorp a bha làidir.

'S gur maith thigeadh dhut breacan
Air a lasadh le càrnaid.

'S cha bu mhiosa dhuit triubhais
A' dol a shiubhal nan sràidean.

'S a' dol a chaitheamh a' chuspair
Cha b' ann à uchdach a' ghàrlaoich.

Nochd is mòr tha dhe t'iargain
Air Iarla Chinn t-Sàile.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu bhàthadh Iain Ghairbh ri fhaighinn anns an leabhar Clàrsach na Coille, deasaichte leis an t-Urr. A MacIllEathain Mac na Ceàrdaich a chaidh fhoillseachadh le Alex Maclaren and Sons, Glaschu an 1881 agus 1928.

Tha naidheachdan mu dheidhinn ri lorg anns na Transactions of The Gaelic Society of Inverness, Vol. XX1X (1914-1919), anns an leabhar The Gaelic Otherworld, deasaichte le Raghnall Mac Ille Dhuibh (Birlinn 2005) agus ann an Duanagan, Dàin is Dualchas à Eilean Ratharsair, Fladaidh is Eilean Tighe, le Urras Dualchas Ratharsaidh, 2001.

Seinneadairean / Performers

Ina NicDhiarmaid

Rugadh Ina NicDhiarmaid ann am Port Ghlaschu air 25 Cèitean, 1923. B' e Niall MacDiarmaid, a bhuineadh do Bhaile Phiocair, mu dhà mhìle tuath air ...

Fiosrachadh air Ina NicDhiarmaid / Learn more about Ina NicDhiarmaid

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.