Cumha do Chaluim

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain agus air a sheinn le: Catrìona NicGill-Eain.

This is a song written by: Iain MacIllEathain and sung by: Catrìona NicGill-Eain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Chalum, a rùin,
o nach dh'eug thu
's airsnealach, tinn
às do dhèidh sinn;
geàrr bha do rèis,
geàrr do saoghal,
buan an creuchd
bheum do dhaoine.

'S tusa bha mear,
èibhinn, aotrom,
dealasach, ceart,
eirmseach, daonda;
fulganach, treun
gleac ri eucail,
gun fhiamh, gun ghealt
ri uchd èig thu.

Sgoilear gun mheang,
tuigseach, gleusda
thionail ar fuinn,
thruis gach sgeulachd.
Choisinn thu cliù
thall an Èirinn
's bhos an Alba
mòr bha dh'fheum ort.

Blàth bha do chrìdh,
fialaidh, mùirneach,
macanta, còir,
coibhneil, fiùghant';
fuaraidh an nochd
aognaidh, ùdlaidh
leaba na suain
às nach dùisg thu.

Calum Iain MacGill-Eain

Calum MacGill-Eain

Rugadh Calum Iain MacGill-Eain, Calum an Tàilleir, bràthair do Sheonaidh MacGill-Eain, ann an Ratharsair air 6 Sultain, 1915. Chaidh e do dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh agus an uair sin gu Oilthigh Dhùn Èideann far an tug e ceum le urram aig a' chiad ìre ann an Eòlas na Ceiltis.

Le dà sgoileireachd a bhuannaich e, chaidh e gu Coláiste Ollscoile ann am Baile Àtha Cliath. Nuair a thòisich an Dàrna Cogadh, b' fheudar dha obair a shireadh, an toiseach ann am factaraidh ann an Cluain Meala, agus chaidh e a dh'fhuireach ann an Indreabhán, ann an Conamara. Seo far an do ghabh e ùidh ann am beul-aithris na sgìre, far an do dh'ionnsaich e a' Ghaelige agus far an do ghabh e ris a' chreideamh Chaitligeach.

Chuir e fios gu Coimisúin Béaloideasa Èireann agus chaidh fhastadh na neach-cruinneachaidh beul-aithris pàirt-ùine. Anns a' Ghiblean 1945 fhuair e obair làn-ùine aig a' Choimisúin ann am Baile Àtha Cliath agus 's ann ag obair dhaibh a bha e nuair a thòisich e a' cruinneachadh beul-aithris ann an Alba, còrr air 9,000 duilleag na làmh-sgrìobhaidh fhèin.

Aig toiseach 1951, thòisich MacGill-Eain na neach-cruinneachaidh aig Sgoil Eòlais na h-Alba a bha na roinn ùr de dh'Oilthigh Dhùn Èideann. As an dol a-mach chaidh Calum do Loch Abar, far na thog e còrr air 500 naidheachd bho fhear Iain Dòmhnallach, Iain am Bàrd. Thug e faisg air bliadhna (1951-1952) aig Oilthigh Uppsala anns an t-Suain far an d' fhuair e trèanadh ann an sgilean a bha feumail an luib obair cruinneachaidh.

Tha an sgoilear Anndra Wiseman air a bhith rannsachadh obair MhicGill-Eain agus sgrìobh e:

"Tha e na iongnadh gun do thog MacGill-Eain na h-uiread de bheul-aithris 's a bha ri fhaighinn aig an àm a bha sin: eachdraidh na Fèinne, duain, naidheachdan mu na sìthichean, mu chreideamh, an dà shealladh, sgeulachdan mòra eadar-nàiseanta, cho math ri sgeulachdan beaga agus iomadh rud eile – gu dearbh rud sam bith a bhuineadh don t-seann saoghal a bha sìor-dhol às.

Gun teagamh sam bith, bha talent 's ealain air leth aige airson na h-obrach seo. Ge be dè a' cheàrnaidh san tadhaileadh e, bha eòlas an t-sàr sgoileir aige air eachdraidh an àite, agus cha b' fhada gus an d' fhuair e lorg air seanachaidhean agus seinneadairean, ma bha iad idir ann. Cuideachd, bha e furasda do MhacGill-Eain a bhith faighinn air adhart le iomadh seòrsa duine agus chuireadh iad earbsa ann. 'S ann an uair sin a bhiodh iad deònach rud sam bith a bh' aca a thoirt seachad."

Chaill Calum a ghàirdean chlì le aillse ann an 1956 ach lean e air ag obair. Nochd leabhar, The Highlands, ann an 1959, air fhoillseachadh ann an Lunnainn le Batsford. Gu dearbha, bha e a' clàradh cha mhòr chun an latha mu dheireadh dhe bheatha. Chaochail e, aig aois 44, san t-Sultain 1960 ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cnoc Hàllain agus rinn bràthair eile dha, am bàrd Somhairle MacGill-Eain, cuideachd cumha dha:

Ghabh thu an ratreuta
Fhir bhig a' chridhe mhòir,
Ghabh thu do dhìon air cùl a' ghàrraidh
Far 's mìlse muran na Gàidhlig,
Fhir bhig an treuntais mhòir.

Ghabh thu an ratreuta
Gus an iomall shiair,
Thusa nach do ghabh am bristeadh,
Nach do bhristeadh riamh.
A ràinig beul na h-uaghach
Is do spiorad sìor bhuadhach.

Seinneadairean / Performers

Catrìona NicGill-Eain

Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an àm. Chuir ...

Fiosrachadh air Catrìona NicGill-Eain / Learn more about Catrìona NicGill-Eain

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.