Cumha Alasdair Dhuinn

Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Loch Carrann) agus air a sheinn le: Seumas C. M. Caimbeul, Seumas Caimbeul, tormod a. macFhionghain, tormod macFhionghain agus Tormod MacIllEathain.

This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Loch Carrann) and sung by: Seumas C. M. Caimbeul, Seumas Caimbeul, tormod a. macFhionghain, tormod macFhionghain and Tormod MacIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S trom an luchd seo th'air m' inntinn,
Agus m' uirsgeul ri innse gur truagh,
Thriall mo shùgradh 's mo mhànran,
Lion tùrsa na àite mi 's gruaim,
Tha mo choill air a maoladh,
'S nì soilleir a shaoil air mo ghruaidh,
'S tearc mo shocair ri fhaotainn,
On là ghlacadh le aog thu cho luath.

'S ann a' chiad là den Earrach,
Bhuail an t-eug mi, an spealadair lom,
Bhrist air ùbhlan mo ghàrraidh,
Leag e m' abhall fo bhlàth thar a bhonn.
Rium-sa bhuin e neo-fharasd,
Nuair thug e leis Alasdair Donn,
Mo chruas iomairt 's mo chearrachd,
'S truagh dhuinne nach tèarainn sinn bonn.

'S e bhith d' chàradh air èisleig,
Rinn mo chràladh fo asnach mo chlèibh,
Chuir mo chrìdh às a chochall,
Chor 's nach suidhich è socrach na dhèidh;
Gur luaithe le bhuillean,
Na mar ghluaiseas an duilleach air ghèig,
Chaidh mo shlàinte gu mearan,
Chan eil stàth bhith ga ghearan ri lèigh.

'S e bhith stràcadh air t' uilinn,
Chuir mo shlàint' ann an cunnart bochd, fann,
Am breislich bhàis bhith gad amharc,
Ghreis tre m' àirnean an t-saighead gun cham.
Bhrist an t-srian bha ri m' aigne,
Dh'fhalbh mo chiall, chaidh fàth m' eagail air chall,
Chaidh mo ghearradh gu neoni,
Beairt a reubaidh mo shonais a bh' ann.

Dhia ullaich-sa fèin mi,
'S mi 'n dèidh mo chèill a bhuin dìom,
O 'n là bhuinnig an t-eug dhiom,
An tì 's mò robh m' èibhneas fo Chrìosd,
Tha mo bhun anns an Treun-fhear.
A dh'fhuiling a cheusadh gar dìon,
Gu bheil t' anam am Pàrras,
'S b' è bhith mar riut a-màireach mo mhiann.

Tha gach duine dheth d' chàirdean,
Mar ri d' mhuime 's ri d' bhràithrean fo bhròn,
'S an aona phiuthar a dh'fhàg thu,
Ri sìor chumha 's ri fàsgadh nan dòrn.
Gu bheil fios aig an Àrd-rìgh,
Ged nach fiosraiche chàch mar tha leòn,
Gach aon neach tha mi ràitinn,
Gu bheil an cridheachan cràiteach nì 's leòr.

'S beag an t-iongnadh mar tha iad
Mar mhuir reothairt air tràghadh le deòir
Cha b'e garlaoch na feachda
Bha sibh 'g àireamh bhith agaibh mar threòir.
Ach foghlam, cruadal is cleachdadh
An fhir thrèin bu mhòr tapadh san tòir
Dam bu leannan an uaisle
Ann ad leanabh, 's gun d'fhuair thu i òg.

B' e sud fiùran na glaine,
Bha gu fiùghantach, fearail, a' fàs,
Mùirneach, iriosal, suairce,
Sùgach, binn-fhaclach, buaghach 's gach càs.
Fear do choimeis cha chualas,
Thaobh gach subhailc bha fuaite ri d' ghnàs,
Dh' fhàg thu uile fo ghruaimean,
Gach tì chunnaic, no chuala do bhàs.

Bha do threabhantas ullamh,
Anns gach feum ann 's an cuireadh tu làmh,
Chor 's nach cùbaire b' urrainn,
Cùis a bhuinnig den churaidh gun sgàth.
Ge do theireadh luchd-mascuill,
Gur h-i bhreug cuid is ceart tha mi ràdh,
Dhearbh thu fèin a bhith tapaidh,
Ge do dh'èireadh dhomh fantainn am thàmh.

Fhuair thu tuigse an deagh nàdair,
Agus gliocas bho Àrd-rìgh nan dùl,
Ann an cèill bha thu labhair,
'S ann an ceudfaithean flathail bha thu.
Anns gach ceaìrd bha thu cosant,
Gu neo-àrdanach, foistinneach, ciùin,
Ort ri àireamh bu deacair,
Cron an' càileachd, am pearsa, no 'n cliù.

Shuidhich d' inntinn air cheartas,
Air chinnte, fhir reachdair seo dh'eug,
Leis gach neach bha thu taitneach,
Iochdar, caomh-chàirdeach, ceart anns gach ceum.
Gu fial, furanach, nàrach,
Riamh mar churaidh neo-sgàthach gun bheud,
Leòmhann fiorachail, tapaidh,
Teò-chridheach, iriosal, macant' am beus.

Thriall gach socair bha agam,
Chaidh mo chòmhnaidh 's mo chadal an laoid,
Tha lionn-dubh agus airsneal,
Da m' tharrainn gu leabaidh am shlaod,
Gam shìor ruagadh am shlapan,
Dh'aindeoin cruadail na tapadh gam faod,
Tha mo ghualainn gun taice
On là bhuaileadh ort slacan an aoig.

Chaidh mo shùgradh fo lighe,
Gur ciùirt' tha mo chridhe am chom,
Osnaich thùrsach dam theirbheirt,
Blas mo chupain gur seirbh e na 'n domb,
Fhir a chruthaich mi 'n ceud uair,
'S a tha stiùireadh nan reult os ar cionn,
Orm furtaich, 's cluinn fèin mi,
'S tog an luchd-sa th' air m'inntinn gu trom.

Seinneadairean / Performers

Tormod MacIllEathain

Tormod MacIllEathain

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...

Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathain
Seumas C. M. Caimbeul

Seumas C. M. Caimbeul

Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...

Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul
Seumas Caimbeul

Seumas Caimbeul

Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dàrna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig ...

Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas Caimbeul

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.