Cùlaibh Èirinn

Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacLeòid agus air a sheinn le: tormod moireasdan (A' Foreigndeir) agus Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir).

This is a song written by: Ruaraidh MacLeòid and sung by: tormod moireasdan (A' Foreigndeir) and Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn,
Tha mi fo chùram air bòrd na h-iùbhraich
Is i gar giùlain a-null don Èipheit;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

An tè bh' aig fuaradh, an uair a bhuail i,
Bha cuid nan suain innt', 's cha d' fhuair iad èirigh;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Bha glaodh a' bhàis air gach taobh den bhàta
'S mo chridh' gu sgàineadh le cràdh gan èisteachd;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Chithinn pàirt dhiubh le seacaid àirce:
Bha 'n fhairge làidir 's cha do shàbhail creutair;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Ach thèid gach cealgair a tha sa Ghearmailt
Chur sìnte marbh, bodhar balbh, gun èirigh;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Thèid Mussolini chur don a' phrìosan
'S le cromadh cinn cluinnidh e bhinn ga leughadh
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Thèid croich an òrdan is crochar beò e
'S bidh coin na Ròimh a' toirt fheòil o chèile;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Gach inneal marbhaidh a bh' aig a' Ghearmailt,
Bha siubhal na fairge is a' falbh nan speuran;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

O, cha dìochuimhnich mi gu sìorraidh
Oidhche Chiadain an Iar air Èirinn;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

'Illean Leòdhais bha daonnan còmh' rium,
Bha Tormod Eòghainn is Dòmhnall Sheumais;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

'S, O Mhic Mhaoilein, gur tric mi smaoineachadh
Air bòidhchead d' aodainn 's do chaolas glè-gheal;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

O 'illean òga, nach tig sibh còmh' rium,
S gun tog sinn tòireachd air chòir an treunas
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Tha mi fo chùram air bòrd na h-iùbhraich
Is i gar giùlain a-null don Èipheit;
Tha mi fo chùram an cùlaibh Èirinn.

Seinneadairean / Performers

Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir)

Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir)

Rugadh Tormod Moireasdan, Tormod Eòghainn Chaluim, a' Foreigndeir, ann an Àird an Aiseig ann an Scalpaigh air 19 Samhain, 1921, gille le Catrìona Dhòmhnall 'ic ...

Fiosrachadh air Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir) / Learn more about Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir)

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.