Crònan Chàrsaig

Òran air a sgrìobhadh le: an t-Urr. gilleasbaig m. peutan agus air a sheinn le: seinn aon neach (Clann-nighean).

This is a song written by: an t-Urr. gilleasbaig m. peutan and sung by: seinn aon neach (Clann-nighean).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Dùin do shùilean, luaidh mo chridh',
Dèan an cadal a ghràidhean,
Dùin do shùilean, luaidh mo chridh'
'S thèid mi don tràigh a-màireach leat.

Càit' 'eil an caisteal a thog thu, a ghràidh?
Saoil thu bheil sgeul air a làrach?
Càit' 'eil na sligean a thrus thu sa bhàgh,
Thall san tràigh bhàin aig Càrsaig?

Dèan thus' an cadal is èirigh tu slàn,
'S thèid sinn le chèile a-màireach
Null thar a' mhachair gu ruig an tràigh bhàn,
'S togaidh sinn caisteal an Càrsaig.

Ealasaid bhòidheach, 's tu luaidh mo chridh',
'S tu mo shaoghal, a phàistein,
'S tusa mo bhruadar nuair bhios mi leam fhìn;
Dèan cadal gu socair an-dràsta.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.