Crònan Bleoghainn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: eilidh t. nicFhionghain agus Màiri NicArtair.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: eilidh t. nicFhionghain and Màiri NicArtair.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Il a bhòlagain ìl bhò m' aghan,
Il a bhòlagain ìl bhò m' aghan,
Il a bhòlagain ìl bhò m' aghan,
Mo chrodh-laoigh air gach taobh an abhainn.

Buarach sìomain do chrodh na tèile,
Buarach sìoda do m' aghan fhèin o,
Buarach sùgain air crodh na dùthcha,
Buarach ùr air mo bhuaileig gaoil-sa.

Bò lurach, bò na h-àirigh,
Bò a' bhàthaich màthair laogh,
Buachaille Pàdraig is banachaig Brìde
D' ar sian, d' ar dìon 's d' ar còmhnadh.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicArtair

Màiri NicArtair

Rugadh Màiri NicArtair ann an Ceann Loch Gilp agus tha dithis pheathraichean agus bràthair aice. B' ann à Bhalla, ann an Tiriodh, a bha a ...

Fiosrachadh air Màiri NicArtair / Learn more about Màiri NicArtair

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.