Crodh Chailein

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, marion mhoireach agus rona nicDhòmhnaill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu, marion mhoireach and rona nicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Cha chaidil, cha chaidil,
Cha chaidil mi uair,
Cha chaidil mi idir,
Gus an tig na bheil uam.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil,
Crodh ciar-dubh, breac, ballach,
Air dhath na circ' fhraoich.

Gun toireadh crodh Chailein
Dhomh bainn' air mo ghaol,
Air mullach a' mhonaidh
Gun duine nar taobh.
Crodh Chailein, mo chridhe,
Crodh Iain, mo ghaoil,
Crodh lìonadh nan gogan,
Crodh togail nan laogh.

Gu bheil sac air mo chridhe
'S tric snidh' air mo ghruaidh,
Agus smuairean air m' aigne
Chùm an cadal seo bhuam.
Crodh Chailein mo chridhe,
Crodh Chailein mo ghaoil;
Crodh ciar-dubh, breac, ballach,
Air dhath na circ' fhraoich.

Cha tèid mi don bheithe
No a thional nan crò;
Air breacan donn ribeach
Tha mi feitheamh nam bò.
Crodh Chailein, mo chridhe,
Crodh Iain, mo ghaoil,
Crodh lìonadh nan gogan,
Crodh togail nan laogh.

An sgeulachd

Seo an dreach den òran a chaidh fhoillseachadh sa bhliadhna 1884 anns an leabhar The Killin Collection of Gaelic Songs with Music and Translations, a dheasaich Teàrlach Stiùbhart a rugadh ann an 1823. Bha e à Fartairchill aig ceann shìos Ghleann Lìobhann.

A' bruidhinn air an leabhar seo air BBC Radio nan Gàidheal thuirt an sgoilear, Tony Dilworth:

"Aig an àm seo, bha a' Ghàidhlig fhathast gu math làidir ann an Gàidhealtachd Bhraghaid Albainn agus bha an dualchas Gàidhealach de eachdraidh ionadail, òrain, bàrdachd 's sgeulachdan slàn, fallain agus an dualchas armailteachd a' dol, le mòran daoine sna Volunteers ionadail. Bhiodh na h-òrain Ghàidhlig gan seinn aig cèilidhean, 's fìdhlearachd a' dol cuideachd. Na ministearan a rugadh 's a thogadh ann am Braghaid Albainn aig an àm seo, bha Gàidhlig aca uile."

Rinn Teàrlach Stiùbhart, a bha ainmeil na latha mar eòlaiche mu eachdraidh Bhraghaid Albainn, e fhèin an t-eadar-theangachadh gu Beurla air na h-òrain a th' anns an leabhar agus chuireadh an ceòl air dòigh le James Merrylees.

Anns an leabhar, tha Teàrlach ag innse gu bheil ceangal aig an òran seo ri tachartas ann an Gleann Lìobhann. Bha tuathanas an sin, Caislidh, a bha ainmeil airson crodh Gàidhealach agus caoraich dhubh-cheannach. Mu mheadhan na seachdamh linn deug bha Caislidh air mhàl aig Iain, bràthair Raibeart Caimbeul, uachdaran Ghlinn Lìobhann, agus aig Cailean, a bha càirdeach dha.

An turas a bha seo chaidh crodh nan Caimbeulach air fad an goid le creachadairean agus thug iad cuideachd leotha a' bhanarach, gus an cumadh i ceannsail air a' chrodh.

Bha banarach eile, tè na b' òige, ann dom b' ainm NicRìgh. Chaidh aice-se air i fhèin agus na laoigh fhalach bho na creachadairean, agus an dèidh dhith fios a leigeil don uachdaran mu na thachair, lean i iad, ach a' cumail pìos air falbh bhuapa gus nach fhaiceadh iad i.

Dòigh air choreigin, chaidh aice air fios a leigeil chun na banaraich a bha an greim gu robh i gan leantainn. A rèir na sgeòil, gach madainn agus feasgar, sheinneadh a' bhanaracha bha an greim, an t-òran seo, fhad 's a bha i a' bleoghann, gus fios a leigeil gu NicRìgh càite an robh iad.

Chaidh na creachadairean a-null tro Ghleann Meuran gu Earra-Ghàidheal ach dh'fhàs an crodh doirbh an làimhseachadh, 's iad ag ionndrainn nan laogh, agus fhuair iad ma sgaoil agus theich iad air ais do Ghleann Lìobhann.

Lean na creachadairean iad agus lorg iad NicRìgh agus mharbh iad i. Aig a' cheann thall chaidh aig Raibeart Caimbeul air na daoine aige a chruinneachadh agus ruaig iad na creachadairean às a' ghleann.

Seinneadairean / Performers

Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu

Tha na ceathrar a tha a' seinn còmhla uile nam buill de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu. Choisinn iad a' phrìomh dhuais airson Òran Cheathrar aig a' ...

Fiosrachadh air Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu / Learn more about Ceathrar à Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.