Crò Chinn Tàile

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Alasdair Friseal, Anna Mhoireach agus Seònaid NicDhòmhnaill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Alasdair Friseal, Anna Mhoireach and Seònaid NicDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Dreach 1:

Thèid mi dhachaigh dhùthaich m' athar,
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile;
Thèid mi dhachaigh dhùthaich m' athar,
Falbhaidh mi 'n-diugh is thig mi màireach.

Thèid mi fhìn, leam fhìn, leam fhìn o,
Thèid mi fhìn, leam fhìn a Gheàrrloch;
Thèid mi fhìn, leam fhìn, leam fhìn o,
Bhuachailleachd nan caorach bhàna.

Dreach 2:

Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile
Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile.

Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
Thèid mi fhìn leam fhìn a Gheàrrloch
Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
'S gabhaidh mi rathad mòr Chinn Tàile.

Bidh mi nochd am buaile Phearsain
Bidh mi na chuid mhart a-màireach
Bidh mi nochd am buaile Phearsain
Bidh mi na chuid mhart a-màireach.

Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
Thèid mi fhìn leam fhìn a Gheàrrloch
Thèid mi fhìn leam fhìn leam fhìn ann
'S gabhaidh mi rathad mòr Chinn Tàile.

Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile
Thèid mi dhachaigh ho ro dhachaigh
Thèid mi dhachaigh chrò Chinn Tàile.

Seinneadairean / Performers

Alasdair Friseal

Alasdair Friseal

'S ann à Raon Mòr ann an Aichillidh Bhuidhe a bha Alasdair Friseal (1905-1975) agus b' e an gille a b' òige ann an teaghlach ...

Fiosrachadh air Alasdair Friseal / Learn more about Alasdair Friseal
Seònaid NicDhòmhnaill

Seònaid NicDhòmhnaill

Rugadh Sèonaid NicDhòmhnaill ann an Tobar Mhoire air 13 Màrt 1946. 'S ann à Àird na Murchan a bha cuideachd a màthar, Sybil NicEanraig, agus ...

Fiosrachadh air Seònaid NicDhòmhnaill / Learn more about Seònaid NicDhòmhnaill
Anna Mhoireach

Anna Mhoireach

Rugadh Anna Mhoireach ann an Glaschu ach ghluais a pàrantan air ais a Leòdhas nuair a bha i trì. Chaidh i gu Sgoil a' Bhac, ...

Fiosrachadh air Anna Mhoireach / Learn more about Anna Mhoireach

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.