Crìosd A-mhàin

Òran air a sgrìobhadh le: stuart townend agus keith getty agus air a sheinn le: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.

This is a song written by: stuart townend agus keith getty and sung by: Calum Ailig Mac a' Mhaoilein.

Facail an Òrain / Song Lyrics

An Crìosd a-mhàin tha m' uile dhùil
Mo sholas mòr, mo neart, 's mo dhàn.
A' chlach-oisinn 's mo bhunait ùr
Seasmhach tro thart 's gach gailleann ghrànd'.
Nach àrd an gràdh, nach domhainn sìth,
A stadas geilt, 's a sguireas strì?
Mo Chofhurtair - m' uile 's gach nì -
Seo, ann an gràdh Chrìosd, seasaidh mì.

An Crìosd a-mhàin - a ghabh air feòil -
Bha lànachd Dhè 's an Leanabh lag!
Na ghibht de ghràdh, Aon Fhìor nan Neòil,
Ach dhiùltadh E lèine bha rag.
Gus air a' chrann nuair bhàsaich Ios'
Shàsaicheadh corraich cheart ar Dia;
Oir chuireadh Air am peacadh fhìor -
'S cheannaicheadh mi le bàs Chrìosda.

Staigh anns an uamh - A chorp fon ùir -
Chuir oidhche Solas an t-saoghail gu bàs.
Ach bhris E às – mar mhadainn ùr
Suas às an uaigh dh'èirich nuadh là.
'S air sgàth A sheasamh ann an nèamh
Chaill mallachd uilc a ghrèim nam bheath';
Oir 's Leis-san mi, 's is leam-sa E -
Rèite tro fhuil phrìseil Chrìosda.

Gun chiont sa bheath', 's gun eagal bàis,
Seo cumhachd Chrìosd annam-s' an sàs;
Bho chiad ràin phàist' gu deireadh là,
Tha Ios' os cionn gach diog dham dhàn.
Cha toir ifrinn, no innleachd dhaoin',
Mise a-mach à grèim an Aoin;
Gun till E rithist, no shiùbhlas m' ùin',
Seo, ann an neart Chrìosd, seasaidh mi.

Seinneadairean / Performers

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

Chaidh Calum Ailig Mac a' Mhaoilein a thogail ann am baile Shiadair anns a' Rubha ann an Leòdhas. Bho aois gu math òg bha ceòl ...

Fiosrachadh air Calum Ailig Mac a' Mhaoilein / Learn more about Calum Ailig Mac a' Mhaoilein

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.