Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Air minn ò iom ò rò,
Iom ò, agus iom ò rò,
Air minn ò, na iom ò rò,
Is aoibhinn leam an-diugh na chì.

Creag mo chridhe-sa, Creag Uanach,
Creag san d' fhuaras cuid de m' àrach,
Creag nan aighean 's nan damh siùbhlach,
'S i 'n chreag iùlmhor, fhonnmhor, fheurach.

A' chreag mun iathadh an fhaghaid,
Leamsa bu mhiann a bhith ga tadhailt,
'M bu bhinn guth cinn galain gadhair
A' cur greigh air gabhail chumhaing.

Òlaidh mi 's cha trèig mi h-ionnachd
Uaithe cha tèid mi air siollan;
'S i muime 'n fhèidh do-nì 'n langan
Am buinne deas ro-gheal fionnmhor.

Binn a h-iolaire fa bruachaibh,
Binn a cuach 's is binn a h-eala;
Seachd binne na sin am blaodhan
Do nì an laoghan beag breac ballach.

Eilid bhailgeann, bhailg-fhionn, bhallach,
Odhar, eangach, uchd ri h-àrd;
Trògbhalach thu, biorach, sgiamhach,
Crònanach, ceann-riabhach dearg.

Creag mo chridhe-sa, Creag Uanach,
An t-slatach ghlas dhuilleach chraobhach,
An tulach àrd àlainn fiadhaich
'S gur cian a ghabh i on mhaorach.

Deth cha robh i riamh ag èisteachd
Ri sèideil na muice-mara,
'S ann as tric a chuala i mòran
De chrònanaich an daimh allaidh.

Aoibhinn an obair an t-sealg
Aoibhinn a meanma 's a beachd;
'S mòr gum b' annsa leam a fonn
Na long is i dol fuidh rac.

Cha do chuir mi dùil san iasgach
Bhith ga iarraidh leis a' mhaghar;
'S mòr gum b' annsa leam am fiadhach
Siubhal nan sliabh anns an fhoghar.

Ceòl as binne de gach ceòl
Guth a' ghadhair mhòir 's e teachd;
Damh na shiomanaich le gleann,
Mìolchoin a bhith ann is às.

Gur binn leam torman nan dos
Air uilinn nan corrbheann cas;
Eilid bhinneach 's caol cos
Nì clos fo dhuilleach ri teas.

Chan eil do chèil' aic' ach an damh
'S e 's muime dhi am feur 's an creamh;
Màthair an laoigh bhall-bhric mhir,
Bean an fhir mhall-rosgaich ghlain.

An aigeantach shiùbhlas an raon
Cadal cha dean i san smùr;
B' anns na plaide ri taobh
Leabaidh san fhraoch bhagaideach ùr.

'S e fear mo chridhe-sa 'n samhradh
'S am fear ceannghorm air gach bile,
Fanaidh gach damh donn na dhoire
Ri teas goile grèine gile.

'S glan ri shloinneadh an damh donn
A thig o Uilinn nam beann,
Mac na h-èilde ris na tom
Nach do chrom le spid a cheann.

Èighidh damh Beinne Bige
'S èighidh damh Cheanna Craige
Freagraidh gach damh dhiubh d'a chèile
Fa cheann Locha Slèibhe Snaige.

Chi mi an siud am beannan ruadh
Goirid o cheann Loch Trèig
Creag Uanach am biodh an t-sealg
'N grianan àrd am biodh na fèidh.

Chì mi Coire Ratha uam
Chì mi Chruachan 's a' Bheinn Bhreac,
Chì mi Srath Oisein nam fiadh
Chì mi ghrian air Beinn nan Leac.

Chì mi Srath Oisein a' Chruidh
Chì mi Leitir Dhubh nan Sonn;
An gàir Coire creagach a' Mhàim
Am minig a rinn mo làmh toll.

Chì mi Beinn Nibheis gu h-àrd
Is an Càrn Dearg an aic' a buin,
An tulach air am fàs am fraoch
Am monadh maol gu ruige 'm muir.

'S fhada leam on sguir mi 'n fhiadhach
'S nach bheil ann ach ceò don bhuidhinn,
Leis am bu bhinn guth nan gadhar
'S o 'm faigheamaid òl gun bhruidhinn.

Nis o sguir mi shiubhal beann
'S o nach teann 'n t-iùbhar cruaidh
'S o nach seasadh mi air sgeir
'S truagh nach b'fhuil mi anns an uaigh.

Seinneadairean / Performers

Mairead NicDhonnchaidh

Rugadh Mairead NicDhonnchaidh air 19 Ògmhios1888, ann an Gleann MhicAoidh, mu dhà mhìle gu leth bho Phort na h-Abhainne, ann an ...

Fiosrachadh air Mairead NicDhonnchaidh / Learn more about Mairead NicDhonnchaidh

Coinneach MacRath

Rugadh Coinneach MacRath ann am Pittsburgh, Pennsylvania, anns na Stàitean Aonaichte, sa bhliadhna 1890. Bha a phàrantan air a dhol tarsainn a' chuain goirid an ...

Fiosrachadh air Coinneach MacRath / Learn more about Coinneach MacRath

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.