Coill' an Fhàsaich

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall MacPhilip agus air a sheinn le: Fionnlagh MacNèill, Mairead Hulse agus Màiri NicAonghais.

This is a song written by: Dòmhnall MacPhilip and sung by: Fionnlagh MacNèill, Mairead Hulse and Màiri NicAonghais.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ri taobh Coille an Fhàsaich feasgar àghmhor leam fhìn,
Bha na h-eòin air na crannaibh 's iad ri caithream gu binn;
Gu robh sìth air an Eilean fad mo shealladh mun cuairt,
'S bha mo smuaint air mo chàirdean a bha tàmh leam ann uair.

O nach prìseil leam Hàllain sìos gu bàgh na h-Àird Mhòir;
Air a thràigh bha sinn daonnan cheart cho aotrom ri eòin,
Ach a-nis chan eil mànran, fealla-dhà ann no spòrs,
'S far do chluich sinn air leacan an-diugh caidlidh na ròin.

Sìos a deas air an àirde chì mi sgàile de sgleò,
Mar brèid geal air sgaoileadh air bùird aosta MhicLeòid;
'S e na neòil bhith gun ghruaimean a dh'fhàg suain air gach àit',
'S chì mi faileas nam bruachan an ceann shuas Loch a' Bhàigh.

Chì mi cuimhneachan sgrìobhte air an linn nach eil beò
Anns gach tobht' agus gàrradh, gach càrn agus crò,
Anns gach àirigh th' air monadh agus cairidh th' air tràigh,
Nach gabh leughadh le coigreach mun a' chuideachd a dh'fhàg.

Chan eil feum dhomh bhith 'g ionndrainn luchd mo rùin as an uair;
Mar a bha iad, tha sinne, tacan goirid air chuairt;
Ach nach sona mar bha iad rè an làithean gun ghò,
Air bheag chùraim no èislein ann an Eilean a' Cheò.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha iomradh air beatha agus bàrdachd agus òrain Dhòmhnaill Mhic 'Ilip anns an leabhar Coille an Fhàsaich a dheasaich Anna Latharna NicGillìosa. Chaidh fhoillseachadh le Brìgh ann an Dunlop, Siorrachd Àir ann an 2008.

Seinneadairean / Performers

Màiri NicAonghais

Màiri NicAonghais

Rugadh Màiri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...

Fiosrachadh air Màiri NicAonghais / Learn more about Màiri NicAonghais
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill
Mairead Hulse

Mairead Hulse

Rugadh Mairead Hulse air an t-siathamh làtha den Damhair, 1934, ann an Stèornabhagh. 'S ann à Tolastadh bho Thuath a bha a màthair, Mairead Iain ...

Fiosrachadh air Mairead Hulse / Learn more about Mairead Hulse

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.