Cogadh Afraga

Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair MacFhearghais agus air a sheinn le: Catriona NicLeòid.

This is a song written by: Alasdair MacFhearghais and sung by: Catriona NicLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ochoin hi ri gur e mi tha muladach
Nach robh mi thall anns a' ghleann sna rugadh mi
Ged 's creagach cruaidh e cha d' fhuaireas urram dha
Tìr an fhraoich tha na laoich a' fuireach ann.

Dimàirt a dh'fhàg iad, bu chràiteach duilich mi
A' caoidh mo bhràthair 's gach àrmann urramach
A sheòl thar sàil chun an nàmhaid fhuileachdaich
'S a dhol thoirt sìth dhan an tìr mas urrainn dhaibh.

Gur mis' tha diombach mun chùis a thachair dhut
Gun dh'fhalbh thu null le gunn' ùr gu batailean
'S ma gheibh thu bàs cha bhi bràthair agamsa
'S gur lìonmhor àrmann tha cnàmh an Afraga.

Là na Sàbaid chiad mhèarrs thug sinn orra
A' dol a forum le òrdan seanaileir
Bha 'n fhuil 's i blàth anns na Gaidheil mhisneachail
Is ceòl na pìoba toirt inntinn cridheil dhaibh.

Thusa Chrùidsear 's tu dhùisg an cogadh seo
Cha chùm Pretoria beò gun chrochadh thu
Gheibh thu tìm ann am prìosan Bhonapart
'S an St Helena gun teatha gun chofaidh ann.

Bidh sùil ri buaidh nuair a ghluaiseas Kitchener
Le iomadh coirneileir eòlach misneachail
Gum bidh na nàimhdean gu teann gan crioslachadh
'S a' ruith gu luath mun tèid uaigh gun chist' orra.

Bha ainm an fhiadh-bheathaich riamh an Afraga
Bha leòmhann beachdach i fhèin ann 's math-ghamhainn
Chan fhac a' Bhoer na leòn na fhearann e
Gu fac' e 'n Gaidheal le fhèileadh tartain ann.

Seinneadairean / Performers

Catriona NicLeòid

Catriona NicLeòid

Rugadh Catriona NicLeòid ann an Àird Mhighe, Leacan Lì ann am Bàigh na Hearadh, air 26 Màirt, 1931. B' e Fionnlaigh Feargustan, Fionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill, ...

Fiosrachadh air Catriona NicLeòid / Learn more about Catriona NicLeòid

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.