Chuir Iad Mise Chun Na Mòintich

Òran air a sgrìobhadh le: Catrìona Mhoireach agus air a sheinn le: Màiri Nic a' Ghobhainn.

This is a song written by: Catrìona Mhoireach and sung by: Màiri Nic a' Ghobhainn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Bha Bàthadh Mòr Nis ann air 18 Dùbhlachd, 1862.

Chuir iad mise chun na mòintich
Thoisich lùths nan dòrn gam fhàgail
Far is tric a chì mi Mhòr-thìr
Far nach d' fhuaireadh Dòmhnall sàbhailt'.

Sèist / Chorus

'S muladach mi 's mi tha cianail
Sin a' rud a liath cho tràth mi
Cuimhneachadh air oidhch' ur millidh
Dh'fhàg i 'n-diugh an inneamh chàich mi.

'S tha mi nis air aodann mara
'S o chan urrainn mi bhith sàmhach
'S chan eil tonn a chluinn mi gluasad
Nach saoil mi gun do ghluais do chnàmhan.

O cha b' iongnadh mi bhith 'g ionndrainn
'N oidhche dh'fhalbh an crowd nach d' thàinig,
'S cha b' mhòr bha 'n Eilean Leòdhais
A shàbhail à grunnd a' bhàthaidh.

Chaill mi 'n duine bh'aig mo phiuthar
Chaill mi mo dhuine 's mo bhràithrean
Ach dh'aindeoin 's cò tha ri 'g ionndrainn
'S lom a rinn an grunnd mis' fhàgail.

Fhuair mi sliochd is thog mi òg iad
Gheibh mi 'n-diugh gu leòr gan àrach
Cha b' fhada dh'fhairich mi am pòsadh
Shaoil leam nach robh còir am fàgail.

Mairead chuidich i ri m' ghualainn
Màiri dh'fhàs i suas cho làidir
'S bha Catrìona agam cho brònach
Gormshuil cha bu mhò' am pàiste.

'S òg a dh'fhàgadh sibh gun chùl
Iain beagan suas air ràithe
'S O gu dearbh cha b' ann gun chruadal
Theann mi cumail suas na fàrdaich.

Seinneadairean / Performers

Màiri Nic a' Ghobhainn

Màiri Nic a' Ghobhainn

Rugadh is thogadh Màiri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far a robh seinn na rud cho nàdarrach ri ...

Fiosrachadh air Màiri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Màiri Nic a' Ghobhainn

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.