Chorra-ghritheach Dhonn

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) agus air a sheinn le: Mairead agus Donaidh MacLeòid agus na h-Òganaich.

This is a song written by: Murchadh MacPhàrlain (Bàrd Mhealboist) and sung by: Mairead agus Donaidh MacLeòid and na h-Òganaich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S e àm na gealaich,
Siud àm na beannachd
Dhut fhèin 's dhomh fhìn;
Bidh lòin nan sgeirean
Gu brèagha soilleir,
Gu sìorraidh bidh.

Sèist / Chorus

Chorra-ghritheach dhonn,
Na do shuidh air tom,
Trì buille-bacain
'S d' earball os do chionn.

'S e àm na gealaich,
Siud àm na beannachd
Dhut fhèin 's dhomh fhìn;
Gheibh mise gealladh
Is pògan meala
O ghràdh mo chrìdh'.

Ach maoin no mainnir
No pòg na h-ainnir
Chan e mo dhìth,
No ceòl no aighear,
Ach càite am faighear
Leam fois is sìth.

Ri bùth 's ri baile,
Ri ùpraid 's boile
Cùl cuiridh mi;
'S riut thig mi maille,
A shìth a' ghlinne
Snàmhaidh mo chrìdh'.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.