Chì mi na Mòr-bheanna

Òran air a sgrìobhadh le: Iain Camshron, Baile Chaolais agus air a sheinn le: an teaghlach rankin, còisir ghàidhlig phort rìgh, Griogair Labhruidh, iain a. macSuain agus stanley rothach.

This is a song written by: Iain Camshron, Baile Chaolais and sung by: an teaghlach rankin, còisir ghàidhlig phort rìgh, Griogair Labhruidh, iain a. macSuain and stanley rothach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

O chì, chì mi na mòr-bheannaibh,
O chì, chì mi na còrr-bheannaibh,
O chì, chì mi na coireachan,
Chì mi na sgoraibh fo cheò.

Chì mi gun dàil an t-àite san d' rugadh mi,
Cuirear orm fàilt' sa chainnt a thuigeas mi,
Gheibh mi ann aoidh agus gràdh nuair ruigeam
Nach reicinn air tunnachan òir.

Chì mi a' ghrian an liath nam flaitheanas,
Chì mi san iar a ciar nuair laigheas i;
Chan ionnan 's mar tha i ghnàth sa bhaile seo,
'N deatach a' falach a glòir.

Gheibh mi ann ceòl bho eòin na Duthaige
Ged tha 'n t-àm thar àm na cuthaige;
Tha smeòraichean ann is annsa guth leam
Na pìob, no fidheall mar cheòl.

Gheibh mi le lìontan iasgach sgadain ann,
Gheibh mi le iarraidh bric is bradain ann;
Nam faighinn mo mhiann 's ann ann a stadainn
'S ann ann is fhaid bhithinn beò.

Chì mi ann coilltean, chì mi ann doireachan
Chì mi ann màghan bàn is torraiche,
Chì mi na fèidh air làr nan coireachan
Falaicht' an trusgan de cheò.

Beanntaichean àrd' is àillidh leachdainnean,
Sluagh ann an còmhnaidh 's còire cleachdainnean;
'S aotrom mo cheum a' leum gam faicinn
Is fanaidh mi tacan le deòin.

Fàgaidh mi ùpraid, sùrd is glagarsaich
Dh'fhaicinn an fhuinn an cluinnt' a' chagarsaich;
Fàgaidh mi cùirtean dùinte, salach
A dh'amharc air gleannaibh nam bò.

Fàilt' air na gorm-mheallaibh, tholmach, thulachanach;
Fàilt' air na còrr-bheanna mòra, mullanach;
Fàilt' air na coilltean, fàilt' air na h-uile -
O, 's sona bhith fuireach nan còir.

Seinneadairean / Performers

Griogair Labhruidh

Griogair Labhruidh

Buinidh Griogair Labhraidh do na Labhraich à Baile Chaolais, an ceann a tuath Earra-Ghàidheal, teaghlach a tha ainmeil a thaobh ceòl Gàidhealach. Bha iomadh deagh ...

Fiosrachadh air Griogair Labhruidh / Learn more about Griogair Labhruidh

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.