Cha Mhol Mi Fhèin an t-Saighdearachd

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) agus air a sheinn le: Murchadh MacGillìosa.

This is a song written by: Murchadh MacLeòid (Murchadh 'an 'ic Dhòmhnaill Bhig) and sung by: Murchadh MacGillìosa.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S cha mhol mi fhìn an t-saighdearachd
Cha d' fhuair mi coibhneil i;
'S gu dearbh cha dèanainn soighnigeadh
Ged gheibhinn oighreachd rìgh.
Ri doublaigeadh 's a' meàrdsaigeadh
Mo chnàmhan gort le sgìths,
'S gun truas aig màidsear Parlan rium
'S ann ris tha m' àrach fhìn.

'S tha cuimhn agam aon uair
Is sinn cruinn ann a' Fort George
Bha bhiodag air mo shide agam
'S a' rifle na mo dhòrn.
'S e 'n t-seacaid dhearg a mheall mi
'S i teann le belt-a mòr
Bha sreath de phutain saighdeir innt'
'S iad shine-igeadh mar òr.

'S nuair dh'èireas mi sa mhadainn
Air mo bhracaist bheir mi làmh;
Bhiodh briosgaid chruaidh is bùrn againn
Is smùrag bheag de chàis.
Ach cha b'e sin a chleachd bhith ann
Ach ìm is gruth is bàrr,
'S b' e sin a' bhracaist shòlasach
Bha Leòdhas nam beann àrd.

'S a' knapsack thug iomadh deuchainn
'S iomadh uair a dh'fheuch i mi,
'S i agam air mo ghualainnean
'S i sìos air mo leth taobh.
'S mar b' e dhomhsa riaghailt
'S nach riaraicheadh e rìgh;
Gun striabainn le mo mheuran i
'S gu greusaich cha deigheadh i.

Seinneadairean / Performers

Murchadh MacGillìosa

Murchadh MacGillìosa

Rugadh Murchadh MacGillìosa air 6 Samhain, 1936, aig 47 Siabost a Tuath. B' i Ceitidh Ann Khent (far-ainm a bh' ann an Kent) a mhàthair ...

Fiosrachadh air Murchadh MacGillìosa / Learn more about Murchadh MacGillìosa

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.