Ceud Soraidh Slàn don Mhaighdinn

Òran air a sgrìobhadh le: Donnchadh 'Mòr' Friseal agus air a sheinn le: An t-Urr. Uilleam MacMhathain agus Màiri Anna NicUalraig.

This is a song written by: Donnchadh 'Mòr' Friseal and sung by: An t-Urr. Uilleam MacMhathain and Màiri Anna NicUalraig.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Is oidhche dhomh nam aonar
A' siubhal fraoich is fàsaich,
Gun d' dhrùidh an t-uisg' air m' aodach
Is shaoil leam a bhith bàthte.
Bha ghaoth a cheart cho fuath'sach
'S mo chluas nach cluinneadh tàirneach;
Ceud soraidh slàn do 'n ghruagaich
Thug dhomh gun ghruaim an fhàrdach.

Nuair ràinig mise 'n teaghlach
Bu choibhneil rium bha Sàra,
Gun d'fhuair mi cuid na h-oidhche
Is roinn de 'n la-'r-na-mhàireach;
Bha h-uile nì mar dhaoimean
Gun fhaighneachd tighinn gu m'ailgheas;
'S mo dhùrachd-sa do 'n mhaighdinn
A rinn mo leab' a chàradh.

B' i sud an leaba chliùiteach;
Gun gabhadh diùca tàmh innt';
Le iteagan 's le dùnais,
'S le cùirteinean ùr' àrda,
Le cuibhrig dearg is uaine,
'S le cluasagan mìn, àlainn;
Ged bhiodh an reothadh cruaidh ann,
Am fuachd chan fhaigheadh làmh rium.

Is math thig gùn de 'n t-sìod' dhut,
Is breacan rìomhach sgàrlaid;
Is làmhainnean geal rìomhach
Mu d' bhasan mìne, bàna;
An t sùil is glaine lìonadh,
'S do bhian mar shneachd an fhàsaich
Gur son' e, ge b' e òg e,
A gheibh le deòin do làmh-sa.

Nuair thèid thu chun na h-àiridh
'S a' Bhràighe 's tearc do shamhladh,
A dhèanamh muighe 's càbaig,
'S a dh' àrach laogh is ghamhna;
Do phears' tha dìreach àlainn,
'S gur h-àilleagan 'sa ghleann thu;
B' e 'n sòlas a bhith còmhl' riut
Seach 's turas Thighearna Ghrannda.

Nis bheir mi dhut mo sheòladh,
Mar 's eòl dhomh, ann an dànachd;
Bi fuireach bho gach gòraich,
'S do dhòigh na toir do mhànran.
B' i 'n còmhnaidh banail, stuama,
'S fear-fuadain na leig teann ort;
Is chì thu le do shùilean
Gur cùis sin nach dèan call dhut.

Gur h-iomadh caileag bhòidheach
A b' eòl dhomh ri mo là-sa,
A chaill le falbh na h-oidhche
A h-aoibhneas is a h-àilleachd.
Tha iad a-nis is gnùig orr'
An cùil gun fhear thig làmh riuth';
Gur daor am pàigheadh sùgraidh
Bhi tabhairt glùin do phàisde.

Mu Lòchaidh 's ann tha seòrsa
Na h-òigh' mu bheil mi seanchas;
Na fleasgaichean grinn', bòidheach
Tha eòlach air gach fear-ghleus;
Fir ghasda dha 'm bu dual
An àm cruadail a bhi calma.
'S e ainm na maighdinn shuairce
Mu 'n cualas Ealag Chamarain.

Mo ghuidhe dhut 's mo dhùrachd
Gach cùis a dhol gu bràth leat,
A nighean mhaiseach chliùiteach
Is fiùghantaiche nàdar.
Do chliù bidh raise 'g innseadh
Le fìrinn anns gach àite.
Ceud soraidh slàn do 'n mhaighdinn
A rinn mo leab' a chàradh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Uilleam MacMhathain ri fhaighinn ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 35.

Seinneadairean / Performers

Màiri Anna NicUalraig

Màiri Anna NicUalraig

Rugadh agus thogadh Màiri Anna NicUalraig ann an Glaschu. Bha a h-athair à Tiriodh agus tha a màthair, Ceana Chaimbeul, ainmeil mar sheinneadair agus mar ...

Fiosrachadh air Màiri Anna NicUalraig / Learn more about Màiri Anna NicUalraig

An t-Urr. Uilleam MacMhathain

Rugadh an t-Urramach Uilleam MacMhathain air 25 Lùnastal, 1910 ann an Solas, Uibhist a Tuath, a' chiad mhac de dhithis aig Calum MacMhathain agus a ...

Fiosrachadh air An t-Urr. Uilleam MacMhathain / Learn more about An t-Urr. Uilleam MacMhathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.