Ceòl nan Cruinneag

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacCalum agus air a sheinn le: co-chomunn.

This is a song written by: Iain MacCalum and sung by: co-chomunn.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Moch air madainn chiùin Chèitein, nuair a dh'èireas a' ghrian,
Leam bu bhinne bhith 'g èisteachd guth gach creutair fo rian,
A' cur fàilte na maidne air na gathannan fial
Bha cho aoigheil a' sgaoileadh blàths air aonach is sliabh.

Sèist / Chorus

'S e bu bhinne ceòl nan cruinneag mach air Innis a' Chrò,
'S iad gu h-uallach gabhail dhuanag 'n àm bhith cuallach nam bò.

'S binn eòin bhuchainn na coille seinn an doire nan cnò,
Agus uiseag bheag riabhach air a sgiathan sna neòil,
'S sunndach cuthag 's gug-gùg aic' àrd air stùc na creig-mhòir,
'S toigh leam dùrdail an smùdain anns an dùslainn tràth-nòin.

Nuair a chluichear an fhidheall 's binn leam briosgadh nan teud,
Agus nuallan na pìoba nuair is cinnteach a gleus,
'S fonnar torman na clàrsaich ann an talla nan ceud,
'S gach cruit-chiùil chaidh riamh thùradh fhuair iad urram gu lèir.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.