Cearcall a' Chuain

Òran air a sgrìobhadh le: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

This is a song written by: Calum agus Ruaraidh Dòmhnallach and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha sinn uile air cuan
Stiùireadh cuairt tro ar beatha
A' seòladh geòla dhorch
Air chall an grèim na mara.
Tha a' ghaoth air ar cùl
Tha a' gheòla a' cumail roimhe
'S cha dèan uair no an cuan
Toinisg dhuinn no rian.

A' mhuir, tha i ciùin
Tha i fiadhaich, tha i farsainn
Tha i àlainn, tha i dìomhair
Tha i gamhlasach is domhainn.
O, ach sinn, tha sinn dall
'S chan eil againn ach beatha
Tog an seòl, tog an ràmh
Gus am faigh sinn astar ann.

Ach tha mi an dùil, tha mi an dùil
Nuair a bhios a' ghrian dol fodha
Chì iad mi a' stiùireadh an iar
Null a dh'Uibhist air a' chearcall.
Cearcall a' chuain
Gu bràth bidh i a' tionndadh
Leam gu machair geal an iar
Far an do thòisich an latha.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.