Ceann Tràigh Ghruineard

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Seonag NicChoinnich.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Seonag NicChoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S ann aig ceann Tràigh Ghruineard
A dh'fhàg mi 'n curaidh
Aig ceann Tràigh Ghruineard a dh'fhàg mi,
Fear a thàirneadh lann
'S a bhualadh buillean
Aig ceann Tràigh Ghruineard a dh'fhàg mi.

Clò dubh, clò donn
Clò mo chridh'
Clò dubh, clò donn, clò-lan
Gur a daor a reic mi 'n clò-lan dubh
Gur daor a reic mi 'n clò-lan.

Blàr Tràigh Ghruineard

Chaidh Blàr Tràigh Ghruineard a chur ann an Ìle air 5 Lùnastal, 1598.

Aig an àm bha Sir Seumas Dòmhnallach Ìle air Aonghas, athair fhèin, a chuir an grèim agus air àite a ghabhail mar cheann-cinnidh nan Dòmhnallach. B' e Seumas mac le piuthar Lachlainn Mòr MacIllEathain, Triath Dhubhaird am Muile. Bha Aonghas air a pòsadh agus e an dòchas gun toireadh seo tomhais de shìth eadar na Dòmhnallaich agus Clann 'illEathainn oir bha an dà chinneadh air a bhith an amhaichean a chèile fad ùine mhòr.

Bha Lachlan Mòr airson a ghrèim air Na Roinn Ìleach a dhaingneachadh, 's e aige le còir bhon Chrùin, ged nach robh na Dòmhnallaich a' gabhail ri seo, agus thàinig e air tìr air taobh an iar an eilein, aig Loch Ghruineard, le feachd mhòr na chois.

A rèir co-dhiù aon sgeulachd am beul-aithris, bha a' bhana-bhuidseach ris an cante An Doideag Mhuileach air rabhadh a thoirt do MhacIllEathainn gu robh trì rudan sònraichte ann nach bu chòir dha a dhèanamh. Thuirt i nach bu chòir dha a dhol air àrainn àite air an robh Nòstaig an Ile, nach bu chòir dha deoch òl à Tobar Nèill Neònaich agus nach bu chòir dha a bhratach a thogail air Cnoc nan Aighean.

Gun mhothachadh, rinn Lachlainn na trì rudan a chaidh a chrosadh dha.

Mus do thòisich am blàr thàinig duine beag croiteach, neònach, à Diùraidh, air an robh an t-ainm An Dubh-Sìdh, a choimhead air Lachlainn agus e a' tairgsinn sabaid còmhla ris. Rinn Lachlainn tàire air an Dubh-Sìdh, ag ràdh nach fhuilingeadh e leithid a bhith na shealladh. Dh'fhalbh an Dubh-Sìdh as a' bhad a shabaid còmhla ris na Dòmhnallaich, a bha toilichte a thaic fhaighinn.

Thòisich am blàr agus chaidh an latha le na Dòmhnallaich. Bha an Dubh-Sìdh air falach ann an craoibh os cionn Tobar Neill Neònaich agus mharbh e Lachlainn Mòr le aon shaighead.

Len ceann-cinnidh a-nis marbh, theich Clann 'illEathain a shireadh comraich san eaglais an Cill Naoimh, ach chuir na Dòmhnallaich a bha air an tòir teine ris an eaglais. Loisgear gu bàs a h-uile duine a bha na broinn ach a-mhàin aon fhear, MacMhuirich, a leum tron mhullach agus a fhuair air snàmh air falbh.

Bha naidheachd eile ag innse gun deach an corp aig Lachlainn Mòr a chuir air seòrsa de shlaod airson a ghiùlain bho far na thuit e gu ruige Cill Chomain far an deach a thiodhlacadh. Bha an t-slaod cho goirid agus gu robh a chasan slaodte ris aig aon cheann, agus a' cheann a' bualadh air a' ghrunnd aig a' cheann eile.

Chuir an sealladh seo mac le muime Lachlainn, gille air an robh Donnchadh, gu gàireachdainn agus thòisich e a' magadh air an t-suidheachadh as an robh an ceann-cinnidh a-nis. Chuir seo uibhir a dh'fhearg air a mhàthair agus gun mharbh i e aig àite ris an cante Càrn Dhonnchaidh.

Seinneadairean / Performers

Seonag NicChoinnich

Seonag NicChoinnich

Rugadh Seonag NicChoinnich ann an Siadar a' Rubha, Leòdhas air 2 Sultain, 1929. Ann an Sgoil na h-Àird, b' e Ciorstag Mhòr no Miss Murray ...

Fiosrachadh air Seonag NicChoinnich / Learn more about Seonag NicChoinnich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.