Cathair a' Chùl-Chinn

Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall macLeòid agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig thung, dòmhnall eàrdsaidh macFhionghain, Eàirdsidh MacIllEathain agus raibeart forrest.

This is a song written by: dòmhnall macLeòid and sung by: còisir ghàidhlig thung, dòmhnall eàrdsaidh macFhionghain, Eàirdsidh MacIllEathain and raibeart forrest.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Cathair a' Chùl-chinn, 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Cathair a' Chùl-chinn, 's i cho boidheach,
'S minic a bha sinn cruinn, 's ri cleasachd air a druim,
No 'm falach anns na tuill 's na cùirn mhòra.

Bu chiatach leam an innis i, 's mi cuallach a' chruidh dhruim-fhin oirr',
'S mun cuairt oirnn na laoigh mhireagach,
Cha bhiodh ann feum air lòn, air boineid no air bròig,
Air Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach.

Cathair a' Chùl-chinn 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach,
Na caileagan a' seinn, 's a' bleoghann a' chruidh-laoigh,
'S an ceilearadh cho binn ris na smeòraich.

Bu bhòidheach leam sa mhadainn i, is dealt na h-oidhche mar fhaluinn oirr',
'S na h-uiseagan an caithream rith, nam biodh mo spiorad trom,
Co ghleusadh mi gu fonn, ach Cathair a' Chùl-chinn, 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Ach Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach.

Cathair a' Chùl-chinn 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach,
Tha corruich, corruich air a' chuan,
'S i giomanadh nan stuadh sìos gu Cròna.

Tha chulaidh chaol a' fiaradh chun na h-acarsaid, is iomadh taom tha frasadh oirr',
Ach thigeadh stoirm no sìon, bios fasgadh agus dion,
Air Cathair a' Chùl-chinn 's a h-aghaidh ris na tuinn,
Air Cathair a' Chùl-chinn 's i cho bòidheach.

Seinneadairean / Performers

Eàirdsidh MacIllEathain

Rugadh Eàirdsidh MacIllEathain ann an 1918 anns a' Ghearastan ach thogadh e ann an Innis Lagain, baile beag air bruaich a tuath Loch Garadh, mu ...

Fiosrachadh air Eàirdsidh MacIllEathain / Learn more about Eàirdsidh MacIllEathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.