Caol Muile

Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Iain MacLeòid, a' Mhorbhairne agus air a sheinn le: alison rapson, Alison Rapson agus donnchadh macCalman.

This is a song written by: An t-Urr. Iain MacLeòid, a' Mhorbhairne and sung by: alison rapson, Alison Rapson and donnchadh macCalman.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ged a shiubhail mi cian, b' e Caol Muile mo mhiann,
Cha d' èirich a' ghrian air nas bòidhche;
B' e siud caol mo ghràidh don tug mise bàidh
O làithean mo leanabais is m' òige.

O b' àlainn leam riamh an caol ud ri fèath
'S e ag iadhadh mu bhuinn nam beann mòr;
Chìte beanntannan àrd', is coilltean fon sgàil
Nan àilleachd 's an gàthan bha fòdhp'.

On bhìrlinn gun tàmh, chluinnte faram nan ràmh,
Na h-iorraim 's na dàin aig na seòid;
'S nuair a chasadh a' ghaoth, sin chìte na laoich
Le saod cur nan luingeas fo sheòl.

Ach tha an caol seo mar bha, is mar bhios a-ghnàth,
A' lìonadh 's a' tràghadh gach latha,
Fo dhoininn 's fo fhèath, mar mu seach bha e riamh;
Bidh àilleachd 's gach ial ro-mhòr.

Ach air dà thaobh a' chaoil, càite an-diugh bheil na daoine,
Càite comann mo ghaoil agus m' òige?
Tha mo chaoimh-sa nan suain fo na tulaichean uaine
Far nach cluinnear gàire cuain nas mò.

O b' àlainn leam riamh an caol ud ri fèath,
'S e ag iadhadh mu ìochdar nam beann;
An siud chì mise uam mòr luingeis a' chuain
Nan cadal gu suain air na tuinn.

Nuair bhios mòr-shluagh an t-saoghail air crìonadh le aois,
Cha bhith 'n caol ach an trèine na h-òige;
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
'S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.

O slàn leat, a chaoil, don tug mise mo ghaol,
Slàn leat, fhad 's tha an saoghal na shaoghal;
Caol Muile mo ghràidh, don tug mise bàidh,
'S ann dhut bheir mi gràdh rim bheò.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Gheibh sibh dealbh air Màiri agus Peigi Anndra ann an dà leabhar le Mairead Fay Shaw: Folksongs and Folklore of South Uist (Oxford University Press 1977, Birlinn 1999) agus From the Alleghenies to the Hebrides (Birlinn 2000).

Seinneadairean / Performers

Alison Rapson

Alison Rapson

Rugadh agus thogadh Alison Rapson (NicMhathain) ann am Bun Ilidh. Air an dà thaobh, bhuineadh an teaghlach aice don sgìre seo agus bha ceòl daonnan ...

Fiosrachadh air Alison Rapson / Learn more about Alison Rapson

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.