Caoidh nam Fear Treun

Òran air a sgrìobhadh le: Peigi NicCoinnich agus air a sheinn le: Peigi NicCoinnich.

This is a song written by: Peigi NicCoinnich and sung by: Peigi NicCoinnich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha Leòdhas 's na Hearadh, tha Ile is Muile
Tiriodh agus Uibhist a deas agus Tuath;
'S tha Eilean a' Cheò agus bailtean na mòr-thìr
Ri caoidh nam fear òga rinn seòladh thar chuan.

Gach sgìr' anns gach eilean, 's gach baile th' air leth ann
Tha caoidh agus tuireadh, tha mulad is bròn;
Ri caoidh na fir thapaidh a thuit anns a' bhatal
'S iad fada bhon dachaigh air talamh na Roinn-Eòrp'.

Tha tonnan na mara ag èirigh le cabhaig
A' bualadh 's a' sgaladh mu charraigean bàn;
A' bualadh gun anail a dh' oidhche 's a latha
Ri caoidh na fir chalm' thug an fhairge gu làr.

Gach allt agus sruthan ag èirigh 's a' tuiteam
Gabhail an turas ri siubhal don chuan;
Ag osnaich ri chèile thar mhonaidhean 's slèibhtean
A' caoidh na fir threun a rinn leum air am bruaich.

Tha sinn aig a' bhaile ri 'g ionndrainn nam balach
Dh'fhalbh iad le cabhaig bho dheas is bho thuath;
'S tha clachan nan staran is leacan na starsaich
Ri 'g ionndrainn nan casan a dèanamh orr' fuaim.

Gach flùran sa mhachair thig fàs orr' as t-earrach
Ged a tha iad nan cadal an achlais nam bruaich;
Thig samhradh 's thig earrach, cha till iad siud dhachaigh
Na h-òigearan tapaidh sa bhatal thug suas.

Seinneadairean / Performers

Peigi NicCoinnich

Peigi NicCoinnich

Rugadh Peigi NicChoinnich, Peigi Chaluim Iain, aig bonn Cnoc Chùsbaig, ann a' Siadar a' Rubha, ann an Leòdhas, air 26 den Ògmhios, 1907. B' i ...

Fiosrachadh air Peigi NicCoinnich / Learn more about Peigi NicCoinnich

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.