Camanachd Ghlaschu

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: an teaghlach rankin agus Jenna Chuimeanach.

This is a song written by: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) and sung by: an teaghlach rankin and Jenna Chuimeanach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd;
'S i seo a' Bhliadhn' Ùr thug sòlas duinn;
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd.

'S iad gillean mo ghràidh
Tha 'n Glaschu nan sràid –
Is fhada bho àit' an eòlais iad.

'S ann goirid ron Challainn
A chruinnich an comann,
'S a chuireadh an iomain an òrdugh leoth'.

Nuair thàinig an t-àm,
Gun chruinnich na suinn,
'S bha caman an làimh gach òigeir dhiubh.

Aig aon uair deug
A rinn iad an triall,
Le pìob, 's bu bhrèagh' an còmhlan iad.

Nuair ràinig na sàir
Gu ionad a' bhlàir,
Gun chuireadh gun dàil an òrdugh iad.

Bha glainneachan làn
Dhen Tòiseachd a b'fheàrr,
Is aran is caise còmhla ris.

Bha bonnaich gun taing
Is pailteas dhiubh ann,
'S clann-nighean nan gleann gan còcaireachd.

Nuair roinneadh na laoich
'S a ghabh iad an taoibh,
Bha mis' air an raon toirt còmhdhail dhaibh.

'S e 'n sealladh as brèagh'
A chunnaic mi riamh,
Gach òigfhear gun ghiamh, 's a chòta dheth.

Gach fleasgach gun mheang
'S a chaman na làimh,
'S a chnapag le srann ga fògar leo.

Bha cuid dhiubh cho luath
Ri fèidh air an ruaig,
'S cha chluinnt' ach "A-suas i, Dhòmhnaill" leoth'.

'S ann ann a bha 'n ealain
Le glagadaich chaman,
'S gach curaidh cur fallais is ceòthain deth.

Bha duine gun chearb
Le siosacot dearg
'S cha bhiodh am boc-earba còmhla ris.

Fear eile gun ghiamh
'S a chiabhagan liath,
Chuir "taigh" i bhàrr fiacail mòran diubh.

'S e duine gun tùr
Nach faiceadh le shùil
Gu robh iad bho thùs an òige ris.

Nuair chuireadh am blàr
Gun choisich na sàir
Le pìob gu Sràid an Dòchais leoth'.

Suidhibh, a chlann,
Is gabhaidh sinn rann
Gun cuirear an dram an òrdugh dhuibh.

Gun dhealaich na suinn
Mar thàinig iad cruinn
Len cridheachan coibhneil, 's b' òrdail iad.

Cuspair an Òrain

Chan eil teagamh nach robh e na chleachdadh ann an iomadh àite a bhith ri iomain air Latha na Bliadhn' Ùire.

Chumadh an iomain mu bheil an t-òran seo le Comann Chamanachd Ghlaschu air seann Latha na Bliadhn' Ùire 1876, ann am Pàirc na Bànrigh.

B' e madainn Disathairne a bh' ann agus choinnich mu leth-cheud air Sràid an Dòchais, far an robh àite aig Comunn Gàidhealach Ghlaschu, agus choisich iad gu Pàirc na Bànrigh le pìobaire, fear MacArtair, air an ceann. Anns an leabhar Màiri Mhòr nan Òran (Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba, 1998) tha an t-Ollamh Dòmhnall Meek a' foillseachadh litir a sgrìobh Màiri gu caraid, Iain MacIllEathain ann am Beàrnasdail, 's i ag innse mun ullachadh a rinneadh an oidhche ron ghèam.

"Nam bithinn cho beartach 's a tha mi cho bochd, bheirinn punnd Sasannach gum biodh tu far a bheil mise nochd, ann an Talla Mòr nan Gàidheal ann an Glaschu; mo dhà mhuilichinn gum ghuaillean, 's am fallas gam dhalladh a' fuineadh agus a' bruich bhonnach dha na gillean-Callainn; ceann-suidhe na fàrdaich na shuidhe ann an teas-meadhan trì fichead caman, gan cuir air dòigh airson an là màireach.

Tha sinne a' falbh am màireach gu Pàirc na Bànrigh, trì fichead gille tapaidh Gàidhealach; deich air fhichead fon fhèileadh agus deich air fhichead le briogaisean-glùine len cuid chaman air an guaillean, pìobairean romhpa agus às an dèidh, agus mi fhèin le each is càrn làn chliabh bhonnach is mulchag chaise uiread ris a' ghealaich, agus deur beag den Tòiseachd a chur spreigidh anns na gillean."

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha fiosrachadh mu Mhàiri agus a bàrdachd ri fhaotainn san leabhar Màiri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gàidhlig an h-Alba, 1998)

Tha fiosrachadh mu iomain air Latha na Bliadhn Ùir' ri fhaotainn san aiste le H. D. MacFhillinnein, Shinty: Some Fact and Fiction (Transactions of the Gaelic Society of Inverness, Vol. 59, 1994-96)

Seinneadairean / Performers

Jenna Chuimeanach

Jenna Chuimeanach

'S ann à Inbhir Nis a tha Jenna Chuimeanach o thùs. 'S i an seinneadair Criosaidh Nic a' Phiocair a màthair agus tha piuthar nas ...

Fiosrachadh air Jenna Chuimeanach / Learn more about Jenna Chuimeanach

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.