Caidil ù ò

Òran air a sgrìobhadh le: Calum 'Mòr' MacAonghais agus air a sheinn le: Ceitidh Anna NicNeacail.

This is a song written by: Calum 'Mòr' MacAonghais and sung by: Ceitidh Anna NicNeacail.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Caidil ù ò
Caidil ù ò
Caidil ù ò
'S trom an lòinneag bhàn.

Geal an Cuilthionn mòr
Geal an Cuilthionn mòr
Geal an Cuilthionn mòr
'S glan a chòta slàn.

Sàmhach ciùin an cuan
Sàmhach ciùin an cuan
Sàmhach ciùin an cuan
Chan eil fuaim air tràigh?

Grian a' cromadh sìos
Grian a' cromadh sìos
Grian a' cromadh sìos
Anns an iar gu tàmh.

'N oidhche tuiteam luath
'N oidhche tuiteam luath
'N oidhche tuiteam luath
Thig am fuachd gu là.

Tha an smeòrach balbh
Tha an smeòrach balbh
Tha an smeòrach balbh
Tha i falbh fo phramh.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha sealladh ri fhaighinn air beagan de shaothair Chaluim MhicAonghais anns an dà leabhar:

MacInnes Malcolm: Songs of the Isle of Skye, Gaelic and English air fhoillseachadh le A. MacLaren Glaschu, 1931.

MacInnes Malcolm: Traditional Airs of Skye and the West air fhoillseachadh ann an Lunnainn le Bayley and Ferguson, 1942

Seinneadairean / Performers

Ceitidh Anna NicNeacail

Ceitidh Anna NicNeacail

Bhuineadh Ceitidh Anna NicNeacail, Ceitidh Anna Iain Cholla, do Cheann a' Ghàrraidh ann am Peighinn a' Chorrain anns a' Bhràighe, an t-Eilean Sgitheanach. Rugadh i ...

Fiosrachadh air Ceitidh Anna NicNeacail / Learn more about Ceitidh Anna NicNeacail

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.