Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid

Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig) agus air a sheinn le: Calum MacArtair, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), dòmhnall eòsaph macFhionghain ('N Eòsag) agus Fionnlagh MacNèill.

This is a song written by: Dòmhnall Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig) and sung by: Calum MacArtair, Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag), dòmhnall eòsaph macFhionghain ('N Eòsag) and Fionnlagh MacNèill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

E horo Chalum Mhòir, thugainn comh' rium gu dram
Null do bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid 's gheibh sinn stòpan de leann,
'S nuair a bhios sinn 'ga òl 's math a chòrdas sinn ann,
Bidh ar n-inntinn air ceòl 's cha bhi òrain oirnn gann
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Bidh an seòmar cho blàth, bidh an t-àite cho brèagha,
Air an ùrlar fo'r bonn dathan donn, dubh is liath.
Chì thu putan beag bàn air am fàisg thu do mheur,
Thig fear-freasgairt mu'n cuairt 's na bheil bhuat a chur sìos
Air do bhialaibh air bòrd.

Dhe gach seòrs' a thèid òl bidh gu leòr fo do shùil,
Fear a' lìonadh nan stop 's a' cur cròic air an liunn,
Chì thu fìon thig o'n Spàinnt oirr' air fhàgail co-dhiùbh,
'S chì thu eun ann an cèidse shuas gu h àrd os do chionn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Chì thu togsaidean bhuat, bidh iad suas air an ceann,
Chì thu goc anns gach tè leth na rèiseadh o 'bonn,
Fear tha freasgairt na bùth tighinn 'gad ionnsaigh le dram,
'S their e 'n t-airgiod a-null 's their e mùthadh a-nall
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Chì thu dìsnean is tàileasg 'gan càradh air bùird,
Gheibh thu pàipear ri leughadh le speuclair dha d' shùil,
Bidh gach nì mar is còir eadar Dòmhnall 's a bhùth,
'S chì thu staidhre dol sìos, àit bhios riatanach dhuinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Gheibh thu searbhadair shìos, gheibh thu siabann is bùrn,
'S los gum falmhaich thu mhias, tog a' chìochag 'na grùnnd.
Gheibh thu sgathan is cìr 's rud a shlìobas a-nùll,
'S a their loinn air do cheann, ged bhiodh sgall air gu chùl
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid bidh gach seòrs' innte cruinn,
Thig o thaobh Abhainn Chluaidh 's cuid tha nuas as na glinn.
Bidh a' chàbraid cho cruaidh ann an cluasan do chinn,
'S ged bhiodh bàrd ris gach gualainn dhiot 's fuaim ac' air seinn
Ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

"Cuir a-nuas leth tè chruaidh," thuirt fear shuas mu'n cheann àrd,
"Gloine fìon," thuirt fear shìos air bheil fìor choltas ceàird.
"Happy Day, come away," 's e thuirt tè reamhar, bhàn
A bha bhlàth air a sròin, gun do thòisich i tràth
Dhol a bhùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Chì thu deòraideach ruadh agus spuaic air a mhaol
'N dèidh bhith Dòmhnach gu Luan glaiste suas aig na maoir;
Dh'fhalbh e 's dh'òl e tè chruaidh 's ghabh an truaghan an caoch,
'S chuir e eòlas an uair sin g'eil smuais anns gach braon
Th'ann am bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Ni sinn cinnteach mu'm falbh sinn à balgam no dhà
Thig à Ìle thar fairg' air eil dealbh an Eich Bhàin;
Toradh brìgheil an arbhair as ainmeile gràn;
Cha bhi rìoghachd na h-Alba neo-shealbhach gu bràth
Fhad 's a dh'fhàsas innt' eòrn'.

Gloine mhòr dhe 'n Each Bhàn 's i air clàr mar ri pinnt,
Thèid an t-àran nas fheàrr leis gach làn a thèid innt';
Cha bhi dhuilgheadas oirn ach chò gann 's tha na buinn,
Cha eil iongnadh ann leam sinn bhith 'g ionndrainn na tìm
Nach robh phrìs aic' ach gròt'.

Air an aimsir a dh'aom bha mi smaòintinn an raoir,
O, 's ann oidhche Di-h-aoin' bhios am maorach 'ga roinn,
'S mu'n do riaraich mi mhnaoi 's rud an t-aon thoirt d'an chloinn,
Cha b'e pòca cho aotròm a dh'fhaodainn air spiaoid
Thoirt gu bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid.

Bha i fhèin anns an iorghuill 's i cruinneachadh a' mhàil,
Bhiodh am bàillidh mu'n cuairt 's e gu gruamach ag ràdh-
"Ma tha 'n t-airgiod 'gad dhìth 's mar a lìbhrig thu à
Gheibh thu dearbhadh le cinnt bhith 'nad shìneadh Di-màirt
Air an t-sràid air do thòin."

Their na làithean a dh'aom orm caoineadh nan diar,
Tha a bhlàth air an t-saoghal g'eil saorsa dol sìos;
Nuair tha 'm bàrd 's e Di-h-aoine gun bhraon thèid 'na bhial,
'S e air fhàgail cho daor aig na daoine gun chiall,
A luchd-riaghlaidh a th'oirnn.

Anns an aimsir a dh'fhalbh thug iad Albainn fo chìs,
Rinn iad ìocshlaint nam buadh a chur suas ann am prìs,
Gus na gheàrr iad o'n t-sluagh e, mo thruaighe ri ìnns',
Gun do thràigh iad am fuaran bu dualach dha 'n tìr
Bha na mìltean ag òl.

Thràigh iad fuaran nam buadh, dh'fhàg iad sluagh ann an càs,
Tha na ceàrnachan tuath 's iad air thuar a bhith fàs;
Tha na fàrdraichean fuar a bha uaireigin blàth,
'S chan eil àbhachd aig cluais mur eil fuaim a' mhuir-làin,
Far am b'àbhaisteach ceòl.

Tha na ceàrnachan tuath ac' air thuar a bhith fàs,
'S ann tha àireamh an t-sluaigh a' dol suas tha 'nan tàmh.
Bidh am Bàrd Mac-an-t-Saoir fhathast daonnan an sàs,
Ach ma tha 's ann 's a' pholl agus toll air a mhàs,
Ged tha iad-san air dòigh.

Ach fhuair mi airgiod an dè 's bha e feumail 's an àm,
Ruith an t-ainmhidh a rèis 's fhuair e 'r èiginn a cheann
Chur air thus air a chòrr: bhuidhinn Dòmhnall an geall,
'S mi cho beartach ri Lord; thugainn còmhla rium-teann,
Sguir a chnuasach dò phòc.

Cuspair an Òrain

B' e Bùth Dhòmhnaill 'ic Leòid taigh-seinnse ann an Glaschu. Bha e air an oisein far a bheil Paisley Road West agus Rutland Crescent a' coinneachadh. B' ann as an Eilean Sgitheanach a bha Dòmhnall MacLeòid agus bha taigh-seinnse eile aige air an robh The Roost, air Dumbarton Road, faisg air Drochaid Phartaig.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha a' bhàrdachd aig Dòmhnall Mac an t-Saoir air a cruinneachadh anns an leabhar Sporan Dhòmhnaill - Gaelic Poems and Songs by the Late Donald Macintyre, The Paisley Bard. Chaidh an cruinneachadh agus an deasachadh le Somhairle Mac a' Mhaoilein is chaidh an leabhar fhoillseachadh le Scottish Gaelic Texts Society, Dùn Èideann 1968.

Chaidh Aeòlus, air a dheasachadh le Bill Innes, agus le CD na chois, fhoillseachadh le Grace Note Publications, Glaschu, 2008.

Seinneadairean / Performers

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Rugadh Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ann am Bruairnis am Barraigh ann an 1903. Chaochail a mhàthair nuair a bha e dà bhliadhna a dh'aois is chaidh ...

Fiosrachadh air Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag) / Learn more about Dòmhnall Eòsaph MacFhionghain ('N Eòsag)

Calum MacArtair

Rugadh Calum MacArtair ann a' Steòrnabhagh air 15 Màrt 1940. B' e càraid a bh' ann fhèin is a bhràthair Coinneach. Bha an athair bhon ...

Fiosrachadh air Calum MacArtair / Learn more about Calum MacArtair
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.