Breith Chrìosda

Òran air a sgrìobhadh le: Seonaidh Caimbeul agus air a sheinn le: Pòl MacCalum.

This is a song written by: Seonaidh Caimbeul and sung by: Pòl MacCalum.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Càite am faca sùil fon ghrèin,
Cluas cha chual' e, beul cha d' inn's
Nì bu taitniche na sgeul
An aingeil fhèin do Mhoire Mhìn?

Fàilte Mhoire os cionn gach tè
Aona gheug a' chinne daond',
Rinn thu lèigheas air gach creuchd,
Ghiùlain thu Mac Dè nan Naomh.

Is iomadh allaban is fuachd
Is dìochainn chruaidh a dh'fhuiling an Òigh,
Is a cèile beannaichte naomh
Mar rith' daonnan san ròd.

Air an t-slighe tighinn ron t-sliabh
Mar a dh'òrdaich Dia bhith ann,
Saoradh an t-saoghail gu lèir,
Aon Mhac fhèin tighinn nar ceann.

Bha baile Bhetlehem làn
Nuair a thàrla dhaibh tighinn ann;
Cha d' fhuair iad dhan chùirt a b'àird',
B' ìseal an t-àite aig an àm.

Anns an stàbla measg nam biasd,
Ainmhidhean far sliabh nam beann,
A h-uile h-aon dhiubh chruthaich Dia
Is chuir E tùr gu gnìomh nan ceann.

Is na bha chothrom aca Dhà
An deathach bhlàth a bha nan com,
Is iad ga chuartachadh gun tàmh
A' luthaigeachdainn Dhà-san na bh' ann.

Thànaig na buachaillean bochd
A dh'ionnsaigh an fhortain a bha ann
Is cha do dhìobradh orra an fheusd
Ged nach robh iad fhèin ach lom.

Rìghean a bha fada air falbh,
Ged nach amaiseadh iad air ball,
Chaidh an treòrachadh gu lèir
Leis an reul bha os an cionn.

Gheobh gach duine mathas Dhè
Is chan eil eucoir ri bhith ann;
On bhuachaille chon an Rìgh
Gheibh e luach 's na nì e thall.

Bheir E thuigse dhuinn gach uair
Gu bheil buannachd gus bhith ann,
'S ghealladh dhuinne sonas buan
Is leanamaid an dual gu cheann.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Gheibh sibh dealbh air Màiri agus Peigi Anndra ann an dà leabhar le Mairead Fay Shaw: Folksongs and Folklore of South Uist (Oxford University Press 1977, Birlinn 1999) agus From the Alleghenies to the Hebrides (Birlinn 2000).

Seinneadairean / Performers

Pòl MacCalum

Rugadh Pòl MacCalum ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ann an 1963. Thàinig e a dh'Uibhist ann an 1967 a dh'fhuireach air taobh a ...

Fiosrachadh air Pòl MacCalum / Learn more about Pòl MacCalum

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.