Breacan Màiri Ùisdein

Òran air a sgrìobhadh le: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: aonghas macLeòid.

This is a song written by: Màiri Nic a' Phearsain (Màiri Mhòr nan Òran) and sung by: aonghas macLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Am breacan bòidheach, fasanta,
Nach fhaighear anns an bùithean -
Tha geal is gorm is sgàrlaid
Ann am breacan Màiri Ùisdein.

Ged tha mo ghuth air fàilneachadh
'S cho fad' on dh'fhàg mi 'n dùthaich
Gun cuir mi rann sa Ghàidhlig dhuibh
Air breacan Màiri Ùisdein.

Nuair bha mi ris a' bhuachailleachd
Air lòin is cluain mo dhùthcha,
Bhiodh brat a' cumail blàiths orm
De bhreacan Màiri Ùisdein.

Cuiribh onair air na h-àrmainn
Anns na blàir a choisinn cliù dhuibh,
'S biodh fèile 'S osain gheàrr agaibh
De bhreacan Màiri Ùisdein.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.