Bràigh Ùige

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona NicGill-Eain, eilidh t. nic a' mhaoilein agus Màiri NicGillEathain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona NicGill-Eain, eilidh t. nic a' mhaoilein and Màiri NicGillEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha mo shealgair na shìneadh,
Na shìneadh, na shìneadh,
Tha mo shealgair na shìneadh,
'S e san fhrìth gun tighinn dachaigh.

Tha mo shealgair gun èirigh,
Gun èirigh, gun èirigh,
Tha mo shealgair gun èirigh,
'S tha na fèidh air an leacainn.

Tha na fèidh am Bràigh Ùige,
Am Bràigh Ùige, am Bràigh Ùige,
Tha na fèidh am Bràigh Ùige
'S e mo dhiùbhail mar thachair.

Tha mo chrodh air na lòintean,
Na lòintean, na lòintean,
Tha mo chrodh air na lòintean,
'S na laoigh òga mun casaibh.

Iad gun togail ri aonaich,
Ri aonaich, ri aonaich,
Iad gun togail ri aonaich
Fireach fraoich agus glacaibh.

Gura fuar lag na h-àirigh,
Na h-àirigh, na h-àirigh,
Gura fuar lag na h-àirigh,
'S tha mo ghràdh fo na leacaibh.

Hì an ò an ò ì an
Hì an ò an ò ì an
Hì an ò an ò ì an
O an ì an ò rò an.

Tha e coltach gur ann à Ùige an Eilein Sgitheanaich a tha an t-òran seo, a rinneadh le leannan a' caoidh sealgair a tha gun tilleadh bhon t-sealg. Tha e ri fhaighinn ann an diofar riochdan ach dh'ionnsaich Catrìona NicDhòmhnaill e, leis an t-sèist bheag aig an deireadh a-mhàin, bho piuthar a seanar, Flòraidh NicGill-Eain.

Nuair a dh'fhoillsich Francis Tolmie dreach den òran ann an 1911, anns an Journal of the Folk-Song Society, sgrìobh i gu robh e air a sheinn ann am mansa Bhràcadail san Eilean Sgitheanach, ann an 1861, le na facail a leanas:

Tha 'n crodh air na lòin,
Air na lòin, air na lòin,
Tha 'n crodh air na lòin,
'S laoigh bheag aig an casan.

Tha na fèidh am Beinn h-Ùig,
Am Beinn h-Ùig, am Beinn h-Ùig,
Tha na fèidh am Beinn h-Ùig,
Och! Mo dhiubhail mar thachair.

Tha mo shealgair na shìneadh,
Na shìneadh, na shìneadh,
Tha mo shealgair na shìneadh
Gun dùil ri tighinn dhachaidh.

'S e mo Dhonnachadh a bh' ann
'S e mo Dhonnachadh a bh' ann
'S e mo Dhonnachadh a bh' ann
Och! Mo dhiubhail mar thachair.

Rugadh Frances Tolmie ann an 1840 ann an Ùiginis san Eilean Sgitheanach.

Air taobh a h-athair bha i de shliochd nan Tolmach Mòr, teaghlach a bha dìleas do Chlann 'ic Leòid Dhùn Bheagain fad iomadh linn. Air taobh a màthair bhuineadh i do Chlann 'ic Asgaill Rubh' an Dùnain.

Nuair a chaochail a h-athair, 's i dìreach còig bliadhna a dh'aois, chaidh an teaghlach a dh'fhuireach dhan dachaigh aig Ùisdean MacAsgaill, bràthair a màthar, ann an Rubh' an Dùnain ann am Minginis.

Fhuair Frances, a triùir pheathraichean agus a còignear bhràithrean, mòran de an togail an sin. Ann am prògram a rinn e mu Frances Tolmie do BhBC Radio nan Gàidheal, dh'innis an sgrìobhaiche agus am fear-naidheachd, Màrtainn Dòmhnallach, mu phàirt dhen togail sin:

"Bha tidsear aca dhaibh pèin ach b' ann bho na searbhantan a dh'ionnsaich iad Gàidhlig. Bhiodh Dòmhnall Cìobair, a phòs a' bhanaltram aca, an còmhnaidh a' gabhail puirt-à-beul dhan fheadhainn bheaga. Bhiodh iad a' dannsa ri fidheall Iain Portair. B' ann ri tàlaidhean Peigi Banachaig a bhiodh iad a' cadal. Corra uair bhiodh luadh ann. Cha robh ceòl gann ann an Rubh' an Dùnain."

Thòisich Frances a' cruinneachadh òrain agus gan sgrìobhadh sìos nuair a bha i mu 18 is i a' fuireach am Bràcadal còmhla ri bràthair a bha na mhinisteir an sin.

Bha i a' cuideachadh tè de a càirdean uasal, Emily NicLeòid, a bha a' cur snàth gu boireannaich airson gu figheadh iad stocainnean dha saighdearan. Bhiodh Frances a' toirt thuca an t-snàth 's a' toirt na stocainnean air ais gu Emily, ach, chionns nach robh e iomchaidh do bhoireannach òg a bhith a' falbh a-mach leatha fhèin, dh'fheumadh i companach a thoirt leatha air gach cuairt.

"As na bliadhnaichean sin, chìte tric i, nighean àrd gharbh le falt dearg, a' falbhan mòintichean Bhràcadal, a' cruinneachadh fighe bho na taighean agus òrain bho a companaich, Oighrig Ros air an robh an coltas fiadhaich agus cailleach eile, Mairearad Bheag, nighean Dhòmhnaill 'ic Ruaraidh.

Mu dheireadh bhiodh daoine a' tighinn gu Frances le òrain.

Bha beàrn ceithir bliadhna anns an obair cruinneachaidh nuair a chaidh i a dh'obair mar governess aig teaghlach an Dùn Èideann. Thoisich i às ùr an 1866 nuair a thill i fhèin 's a màthair a dh'fhuireach còmhla ri piuthar dhith a bha pòsta am Port Rìgh. Thug i an ath sheachd bliadhna a' fuireach còmhla ri peathraichean no bràithrean ann am Port Rìgh, an Narainn no an Cunndainn air taobh sear Rois, fad na h-ùine a' cruinneachadh òrain.

Ann an 1873 fhuair i cothrom clasaichean a ghabhail ann an Newnham College an Cambridge, rud nach robh idir àbhaisteach do bhoireannach a dhèanamh aig an àm.

Thug i nas lugha na bliadhna ann an Newhnam ach b' ann ann a thachair i ri daoine as a' Lake District agus tromhpa-san ri tè Harriet Rigby, boireannach a bha còrr air 60 aig an àm, agus a bha a' coimhead airson companach. Ghabh Frances an obair is bha i ann fad 20 bliadhna is còrr, a' cur seachad an t-samhraidh sa Lake District agus an geamhradh san Eadailt.

Nuair a chaochail Harriet Rigby ann an 1895 thàinig Frances dhan Òban a dh'fhuireach còmhla ri a piuthar, Màiri. Bha còcaire aig a piuthar, Màiri Ros à Cill Mo Luthag san Eilean Sgitheanach, aig an robh làn a cinn de dh'òrain Ghàidhlig. Cha b' fhada gus na thòisich Frances air òrain a sgrìobhadh sìos bhuaipe.

Ann an 1905 ghluais i, le Màiri Ros còmhla rithe mar shearbhanta, a dh'fhuireach an Dùn Èideann far am biodh i a' frithealadh nan cruinneachaidhean Gàidhlig a bha aig sgoilearan, bàird, marsantan, ministearan is eile as a' bhaile.

B' e an sgoilear Seòras MacEanraig a stiùir Lucy Broadwood bhon a' Folk-Song Society thuice. Bha an comann sin a' sireadh dòigh air aithneachadh a choireigin a thoirt do dhualchas na Gàidhlig agus fhuair iad sin tro shaothair Frances.

Thug i fhèin agus Lucy Broadwood trì bliadhna a' deasachadh a' chruinneachaidh òrain aice airson fhoillseachadh. Nochd e ann an 1911 mar iris den 'Journal of the Folk-song Society', le còrr is 100 òran, facail agus ceòl, agus criomagan fiosrachaidh mu na h-òrain is na daoine bhon d' fhuair i iad. Bha i riamh a' sgrìobhadh sìos cò bhuaidhe is cuin a fhuair i a h-uile òran a chruinnich i.

Thug Frances Tolmie cuid de na h-òrain a chruinnich i do dhaoine eile, agus nochd cuid dhiubh anns na leabhraichean aig Keith Tormod Dòmhnallach agus aig Marsaili Cheanadach Friseal. Cha d' fhuair i mòran taing bhuaipe airson a fialaidheachd is chanadh cuid gun do ghoid iad, ann an dòigh, an cliù air an robh i airidh.

Aig àm a' chiad chogaidh thill Frances dhan Eilean Sgitheanach a chuir seachad an còrr dhe beatha am measg a càirdean ann an Dùn Bheagain. Chaochail i air 31 Dùbhlachd, 1926, aig aois 86.

Chaidh na h-òrain a dh'fhoillsich am Folk-Song Society ann an 1911 fhoillseachadh le Llanerch Publishers ann an 1997 fon tiotal One Hundred and Five Songs of Occupation from the Western Isles of Scotland.

Tha na h-òrain a chruinnich agus a dh'fhoillsich Frances Tolmie cudromach, gu h-àraidh a thaobh a' chiùil a tha a' dol leotha, a rèir an eòlaiche, Morag NicLeòid:

"'S e a' chiad leabhar, faodaidh tu a ràdh, a thàinig a-mach far a robh an ceòl air a sgrìobhadh dìreach mar a bha e. A' chuid mhòr ron a' sin a rinn cruinneachadh, chuir iad sìos an ceòl airson a bhith air a chluich air a' phiàna no air an fhidhill no airson adhbhar a choireigin eile, seach dìreach an ceòl fhèin a shealltainn. 'S e Frances Tolmie a' chiad tè a chuir a mach ceòl as an dòigh sin, dìreach mar a chuala i fhèin e agus mar a thog i e bho na daoine."

Seinneadairean / Performers

Catrìona NicGill-Eain

Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an àm. Chuir ...

Fiosrachadh air Catrìona NicGill-Eain / Learn more about Catrìona NicGill-Eain

Màiri NicGillEathain

Ged a rugadh 's a thogadh Màiri NicGillEathain ann an Glaschu tha dlùth cheangal aice ri Uibhist a Deas. 'S i nighean Charlotte Chaluim à ...

Fiosrachadh air Màiri NicGillEathain / Learn more about Màiri NicGillEathain

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.