Bràigh Loch Iall

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Art MacCarmaig, Coinneach MacThòmais, còisir ghàidhlig an obain, donnie macLeòid, Fionnlagh MacNèill, gòrdan mckeeve, iain bannerman agus rena nicIllEathain.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Art MacCarmaig, Coinneach MacThòmais, còisir ghàidhlig an obain, donnie macLeòid, Fionnlagh MacNèill, gòrdan mckeeve, iain bannerman and rena nicIllEathain.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

I ò bha hò
'S na haoiri rìri ho hi
Hoireann o gù ho hi
O bha hò.

O thèid, is gun tèid,
O thèid mi thairis
Gu innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh an ainnir.

Gun innis nam bò,
Far am b' eòl dhomh an ainnir,
Gu Bràighe Loch Iall
Far am bi fiadh sa langan.

Is earbag nan stùc
Tha gu lùghmhor eangarr'.

A bhean an fhuilt rèidh,
Thug mi fhìn dhut mo ghealladh.

Mo ghealladh nach trèig,
Ged a b' fheudar dhuinn dealach'.

Gur math thig brèid bàn
Air a chàradh ort beannach.

Mu aghaidh gun tolg
Nan gormshùl meallach.

Is staidhse dhan t-sìoda
Mhìn gad theannach'.

Is aparan ùr
À bùth a' cheannaiche.

Gura minig a bhà
Gun dùnadh ach barrach.

Am bothan beag dlùth
Ged a b' fheudar dhuinn dealach'.

Làmh thogail an àil,
Bha tlàths riut ceangailt.

An àm gabhail mu thàmh
Cha bu chnàmhan ar teallach.

Mo làmh fod cheann
'S do làmh gheal tharam.

Mo thaobh rid thaobh,
Sinn maoth-chridheach tairis.

O thèid, is gun tèid,
O thèid mi thairis.

Na facail bho Tocher 35, le cead bho Sgoil Eòlais na h-Alba

Seinneadairean / Performers

Art MacCarmaig

Art MacCarmaig

Rugadh agus thogadh Art anns an Eilean Sgitheanach far a bheil e fhathast a' fuireach, ann am Port Rìgh, còmhla ri a bhean, Shona, agus ...

Fiosrachadh air Art MacCarmaig / Learn more about Art MacCarmaig
Coinneach MacThòmais

Coinneach MacThòmais

Rugadh Coinneach MacThòmais ann an Ceann Loch Chille Chiarain air 20 Lùnastal, 1949. B' ann à Cinn Tìre a bha cuideachd athair agus bha a ...

Fiosrachadh air Coinneach MacThòmais / Learn more about Coinneach MacThòmais
Fionnlagh MacNèill

Fionnlagh MacNèill

'S ann am Port Ghlaschu a rugadh Fionnlagh MacNèill (1931-2007). Bha athair, Dòmhnall na Scarpaich, na sgiobair air tè de na bàtaichean a bha a' ...

Fiosrachadh air Fionnlagh MacNèill / Learn more about Fionnlagh MacNèill

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.