Bràigh Àird Àsaig

Òran air a sgrìobhadh le: Murchadh Moireasdan agus air a sheinn le: Criosaidh Nic a' Phiocair.

This is a song written by: Murchadh Moireasdan and sung by: Criosaidh Nic a' Phiocair.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Ochòin, a chiallain, nach mis' tha cianail
nach robh mi thall ann an gleanntan m' òige,
far an d' fhuair mi m' àrach 's mi na mo phàiste
am bràigh Àird Àsaig fo sgàil na mòrbheann.

An sùilean m' inntinn tha 'n dealbh cho cinnteach
's ged bhithinn sìnt' ann an Rubh' na Mònadh -
chì mi Iosaigh na laighe rìomhach
's a' mhuir a' dìreadh na mhill sa Ghlòraig.

Mo shùil rim ghualainn, tha cruinn mun cuairt dhomh
na beanntan uaine lem bruaichean còinnich,
an Tarcla ghruamach, 's an Cliseam uasal
ag èirigh suas ann gu snuadhmhòr bòidheach.

Air mo chùlaibh tha beinn mo ghaoil-sa
far 'n tric a lùb mi mo ghlùn rim òige,
Geileabhal ghuanach nan tulach uaine -
mo dhùrachd buan leat, a luaidh nam mòrbheann.

Na mo bhruadar gur tric mi gluasad
air feadh do bhruaichean 's do chluaintean bòidheach
lem chuilean ruadhghlas a' leum gun uallach,
's bu mhòr mo ghruaimean mur biodh e còmh' rium.

Sa mhadainn Chèitein air feadh do shlèibhtean
a' tional sprèidheadh bu mhòr mo shòlas -
cha bhiodh gruaimean tighinn beò dhomh 'n uair sin
is m' inntinn fuasgailt' a' ruagadh mhòinteach.

O 's tric leam àmhghar an cois mo bhàrdachd,
's cha dèan mi àicheadh nach fhàs mi brònach -
thig dealt gum shùilean, chan eil siud ùr dhomh,
's nach fhaod mi stiùireadh gu dùthaich m' òige.

Gu Cùl na h-Àirde nì m' inntinn tàladh,
ge b' e àite sam bidh mi seòladh-
an-diugh 's a-màireach 's gu faigh am bàs mi
bidh m' inntinn cràiteach bhon dh'fhàg mi òg e.

A-nis, a chàirdean mo ghaoil a dh'fhàg mi,
mo shoraidh slàn leibh nur n-àite-còmhnaidh,
san eilean àlainn rinn m' altram sàbhailt'
's nach dèan mi àicheadh fad 's dh'fhàgar beò mi.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha iomradh air beatha a' bhàird agus dà dhusan òran leis anns an leabhar Bàrdachd Mhurchaidh Mhoireasdain (Na Hearadh), deasaichte le Morag NicLeòid. Chaidh fhoillseachadh le Acair ann an 1992.

Seinneadairean / Performers

Criosaidh Nic a' Phiocair

Criosaidh Nic a' Phiocair

Rugadh Criosaidh Nic a' Phiocair (Chuimeanach) ann an Ceann Tùlabhaig anns an t-Òb air 11 Faoilleach, 1954, nighean Dhòmhnaill Angaidh a' Phiocair às a' bhaile ...

Fiosrachadh air Criosaidh Nic a' Phiocair / Learn more about Criosaidh Nic a' Phiocair

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.