Bothan Shuaineaboist

Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Hò-rò 's e mo rùn am bothan,
Sùrdail iad na chaidh ga thogail;
Hò-rò 's e mo rùn am bothan
'S togarrach na cheann sinn.

Chuir fir a' bhaile 'n cinn ri chèile
Dh'fheuchainn an robh dòigh fon ghrèin ac'
Air an gabhadh cur na chèisean
Bothan cèilidh geamhraidh.

Chaidh gach fear gu grunnd an sporain,
Dh'fhaicinn an robh bonn a chòrr ann,
'S mus do thional iad na dh'fhòghnadh
'S iomadh pòcaid lom iad.

Fear na tùralachd air balla,
Càch ga ùireadh leis na spaidean,
H-uile fear 's a ghnùis le fallas,
Clachaireachd 's a' stàmpadh.

Sreath air balla 's brag aig saoir
A' càradh sailthean, clèithean, taobhain,
Dh'fhàg iad iomadh sabhal maol
Na shlaod iad thuige chonnlach.

Chan eil cunntas ann an eachdraidh,
Eaglais, teampall, taigh nocaisteal
Thogail ann an leth na seachdain,
'S òrdugh mais is loinn air.

Tha gach àirneis anns a' bhothan,
Balla bàn, 's gu h-àrd tha bolt air;
Being ann, preasan agus bòrd,
Cùil mhòine, stòl is lampa.

Cha robh bodach air an astar
Nach robh tighinn a ghabhail beachd air,
H-uile fear aca dh'aon fhacal,
"Fhearaibh 's math tha ceann air."

Cha robh cailleach anns an nàbachd
Nach robh beannachadh na fàrdaich,
Tè bho thè dhuibh cur na fàilte,
"Fhearaibh cà'il an t-slabhraidh."

Thig na gruagaichean gu daimheil
Steach air uairibh ann a chèilidh,
Bothan truagh gun ghoil gun èibhlean,
B' fheumail tì bhith ann dhuibh.

Far-ainm na ainm am baistidh
Togaidh dealbh an fhir a chleachd iad,
'S rium-sa dh'earbadh fear bho fhear dhuibh
Aithris anns an rann seo.

Billa, Stinger, Pots, am Bodach,
Spilt is Peter, 'Wig' 's a Mhordaic,
Mod is Innseag, Mhol am Bocsair,
Mogaran 's an Caiser.

Kenny, Briogaisean, is Sgeallan,
Moncaidh, Bullain is Iain Barrag,
Calum Chruil, Calum Lastic,
'N Ceaparlan is Angie.

Red, an Ciasan, Sìthbheag, Pòcha,
'M Pudlaman, is Bìdean Seòras,
Squinty, 'n Ceatharnach is Geòrdie
Warrior is Puinnse.

Guma fada bhios an còmhlan,
Cruinn air being mu theine mònach,
Guma fada fada beò sibh
'S ceò as ur taigh geamhraidh.

Seinneadairean / Performers

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...

Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.