Bothan Eòropaidh

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacÌomhair (Costello) agus air a sheinn le: Iain MacÌomhair (Costello).

This is a song written by: Iain MacÌomhair (Costello) and sung by: Iain MacÌomhair (Costello).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Bha Sherriff Court air Lewis Street filled to capacity
Son trial Bothan Eòropaidh, o creideadh sibhse mi!
Bha siorraidh 's fiamh a' ghàire air, 's e na shuidh an sin air stòl,
Oir bha 'm proof a bha e 'g iarraidh anns na botail bh' air a' bhòrd.

Bha suas ri twenty witnesses na seasamh aig a' bhòrd
A' feitheamh ris a' fiscal agus ceistean de gach seòrs'.
B' e Coileach ainm a' leader ac', balach duineil, còir;
'S ann a bha samhla aige ri guga a thug bliadhna san taigh mhòr.

'N oidhche raidig iad am bothan fhuair na balaich ghorm surprise
'S e thachair riuth' ach Brownie Pack is abair buidheann nice.
Ma nì sibh chòrr 'son charity an àite Brownie faigh sibh Guide
Oir an oidhch' ud a' dol dhachaigh, it was the blind who led the blind!

Thuirt a' siorraidh anns a' summing up "Chan eil sibh ann gu lèir!
Le mìle mullach canastar ga chumail ann am pèil'!"
Sheas fear aca an aìrde, 's thuirt e, "O for goodness sake!
'S ann tha sin airson a' khidney machine, to help it on its way."

Nuair a thàinig àm a' verdict bha sinn uil' a' suidh' aig tàmh.
"Cha d' fhuair sibh prison sentence ach an ath rud nì sibh ceàrr,
Ma dh'fheuchas sibhse tuilleadh ri bhith ruith illegal bar
Thèid sibh dh'obair dhan a' Chouncil, agus chan e sin is fheàrr."

O chàirdean, fhearaibh, chàirdean! O nach èist sibh ri mo rann!
O dè a-nis nì balaich Nis, 's nach fhaigh iad a-nis dram?
Ged dheigheadh iad dhan a' bhothan, O chan fhaigh iad ann ach tì!
Huh! Abair rud a' celebratadh Silver Jubilee!

Cuspair an Òrain - Na Bothain 's am Poileas

Bha da chùis lagha ainmeil ann a' Steòrnabhagh mu bhothan Eòropaidh ann an sgìre Nis ann an 1967 agus ann an 1977, an dà thuras an dèidh don phoileas tighinn air balaich a' bhothain gun fhios. Bha e air a chur às an leth gu robh iad a' reic agus a' ceannachd deoch-làidir as a' bhothan, rud a bha an aghaidh an lagh.

A' chiad turas, an dèidh do na balaich am fear lagha ainmeil Lawrence Dowdall fhastadh, fhuair iad às leis. 'S ann mun dàrna cùis lagha a tha an t-òran seo.

Air oidhche Dhihaoine, 23 Dàmhair, 1976, lorg na poileis 22 fireannach agus ceathrar bhoireannach ann am bothan Eòropaidh. Bha consairt air a bhith an Talla Nis an oidhche sin agus bha cuid fo na cabair a bhuineadh do sgìrean eile. Bha cuid cuideachd ag òl. Ann am bogsa fiodh lorg iad buinn airgid luach £8.181/2 sgillinn agus ann a' sileagan fhuair iad £5.141/2 sgillinn.

Chaidh casaidean a chuir an aghaidh còignear fhir, nam measg dithis air an robh na far-ainmean An Coileach agus Am Brownie.

Ged a bha treallaich spòrs is dibhearson as an taigh-chùirt, aig deireadh an latha chaidh dithis fhaighinn ciontach agus chaidh càin a chuir orra.

Nuair dhùin Bothan Eòropaidh mu dheireadh thall, is Club Shòisealta Nis aig an robh cead laghail deoch-làidir a reic air fosgladh, cheannaich airgead a' bhothain telebhisean dhan chlub ùr.

Mar chuir an t-seinneadair Murchadh Iain MacCoinnich e ann am prògram Na Bothain 's na Poileis air BBC Radio nan Gàidheal, bha na bothain a' ciallachadh barrachd air òl dhaibhsan a bhiodh a' dol annta.

"Dh'ionnsaich a h-uile duine againn a bhiodh a' dol dhan a' bhothan, dh'ionnsaich sinn tòrr. Agus tha mise an-diugh cho taingeil gu robh mi dol ann bhon chuir mi eòlas air daoine. Ged a dh'aithnichinn muinntir a' bhaile chan aithnicheadh tu an duine ceart gus an biodh tu na chòmhradh a h-uile oidhche as a' bhothan na mar sin. Agus 's docha duine a shaoileadh tusa a bha cho dur agus nach dèanadh dad a chòmhradh, nuair a dheigheadh e dhan a' bhothan bhiodh e a' fosgladh a-mach. Bha e cho eòlach air na daoine, air na balaich. Cha robh duine a bhiodh a' dol dhan a' bhothan nach robh bruidhinn a-mach agus mar sin bha thu a' faighinn eòlas ceart air na daoine. Bhiodh sinn a' dol a bhothanan eile cuideachd 's bha sinn a' faighinn eòlas air muinntir na sgìre. Agus nuair a thachradh iad riut às dèidh sin bha h-uile duine cho snog 's cho aoigheil riut. Bha na bothanan mar gum biodh iad a' tarraing an àite ri chèile. Tha mise a' faicinn an fheadhainn òg an-diugh 's chan aithnich mi fhìn iad mar a dh'aithnicheadh na bodaich mise. Chan aithnich mise an fheadhainn òg an-diugh. Cha bhruidhinn duine aca rium. Thèid iad seachad orm 's 's e corra fhear aca a bhruidhneas rium."

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.