Bàthadh Dhail

Òran air a sgrìobhadh le: dòmhnall dòmhnallach (Bàrd Bharabhais) agus air a sheinn le: angela mhoireach.

This is a song written by: dòmhnall dòmhnallach (Bàrd Bharabhais) and sung by: angela mhoireach.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S ann Diluain a sheòl sibh le bàta bòidheach ùr,
Bha gach nì an òrdugh, bha na ròpan as na siùil,
Cha b' e dìth luchd-eòlais nach d' fhuair sibh an còrr a dh'ùin'
Ach freastal Dhè ga òrdachadh 's cha till sibh beò an taobh-s'.

'S mise chaill an caraid Iain Alasdair is càch,
Iain Mac Aonghais Cailean 's Aonghas Chalum, fear a' bhàt',
Iain Mac Dhòmh'll 'ic Dhòmhnaill a bha chòmhnaidh anns an Àird,
'S Aonghas 'an 'ic Aonghais a b' ionmhainn leam am pàirt.

Dòmhnall Mac Aonghais 'ic Fhionnlaigh, cha do chunnt mi e measg chàich,
Cha b' e gun d' rinn mi dìochuimhn' air 's e fhèin a b' fhiach an t-àit';
B' e e-fhèin am maraiche gu tarraing air an t-sàil,
'S bha sibh uile treubhach agus fèilleil air an t-sràid.

Nach bu chruaidh an sealladh bhith nur faicinn ri toirt seòl,
'S ri cur ur cùrsa dhachaigh oirr' tro mharannan 's tro cheò.
Ach tha 'n Teachdair ud cho cabhagach, gun truas ri anail bheò,
Is rinn E Fhèin ur sgaradh anns a' chuan tha farsaing mòr.

'S tha farsaingeachd dha-rìribh ann, o 's iomadh mìl' a th' ann,
'S cha chan e 'g eil e riaraicht' ged lìonte e gu cheann.
Ach an Tì tha riaghladh gach cnoc is sliabh is gleann
Chan fhàg E aon air dìochuimhn' ann gun iarraidh aig an àm.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.